An Transocean Winner air falbh

An Transocean Winner air bòrd an Hawk
Image caption Chaidh cead a thoirt seachad Dihaoine son an Transocean Winner a thoirt dhan Tuirc.

Tha an Transocean Winner a-nis air Leòdhas fhàgail air bòrd a' bhàta mhòir an Hawk.

Bhathas a' feitheamh airson pàipearan ceadachaidh às an Tuirc a dhearbhadh gun leigeadh iad am bàta a-steach dhan na h-uisgeachan aca-san.

Thàinig sin troimhe feasgar Dihaoine agus dh'fhalbh am bàta taobh a-staigh beagan uairean a thìde.

Malta

Bidh am bàta a' dèanamh air Malta an toiseach mus tèid an clàr a thoirt dhan Tuirc far an tèid a briseadh.

Chaidh an clàr, anns a bheil 17,000 tunna cuideim, air na creagan ann an Dail Mòr air taobh siar Leòdhais ann an stoirm anns an Lùnasdal.

Chaidh a gluasad dhan Loch a Tuath air taobh sear an eilein mus deach a cuir air bòrd an Hawk.

Thuirt riochdairean an Riaghaltais, Ùisdean Seathach, gun cùm na Maoir-chladaich sùil air a' bhàta gus am fàg i uisgeachan Bhreatainn.

Tha dùil gun toir an turas aice a Mhalta mu cheala-deug.