Coinneamh mu Ghearasdan Deòrsa

Gearasdan Deòrsa
Image caption Tha dùil ri co-dhùnadh a dh'aithghearr mun ghearasdan

Coinnichidh luchd-poileataigs Gàidhealach ri riochdairean an MoD Diluain airson bruidhinn mu na tha an dàn do Ghearasdan Deòrsa.

Bidh ball-pàrlamaid Inbhir Nis, Inbhir Narann, Bàideanach agus Srath Spè, Drew Hendry, agus Ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd, Mairead Davidson, a' coinneachadh ris a' mhinistear Dìon Marc Lancaster ann an Lunnainn.

Tha an MoD a' beachdachadh an-dràsta air cuid de na h-àiteachan a th'aca air feadh na Rìoghachd Aonaichte a chuir bhuapa agus tha iomagain air luchd-poileataigs Gàidhealach gun tèid Gearasdan Deòrsa a dhùnadh.

'S ann anns a' ghearasdan a tha am Freiceadan Dubh stèidhichte an-dràsta.

Bha ceist mu choinneamh a' ghearasdain roimhe ann an 2011 nuair a chaidh ath-sgrùdadh a dhèanamh air roinn an dìon, ach chaidh a ghlèidheadh aig a' cheann-thall.

Thuirt an Comh. Davidson gu robh a' choinneamh seo a' tachairt aig àm iomchaidh 's dùil ri fios mun ghearasdan taobh a-staigh beagan sheachdainnean.

Thuirt i gu bheil e cudromach gun tèid an gearasdan a ghlèidheadh mar chomharra air obair an airm anns a' cheann a tuath.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile