MV Hebrides a' tilleadh

MV Hebrides Image copyright Undiscovered Scotland

Tha am bàt-aiseig an MV Hebrides air tilleadh chun na slighe eadar Uige, an Tairbeart agus Loch nam Madadh.

Bha I far na seirbheis fad trì seachdain an deidh tubaist.

B'ann air a 25mh Sultain a chaidh I air tìr ann a Loch nam Madadh.

Bhon uairsin, tha bàtaichean eile air a bhith a' frithealadh nan eilean.

Chaidh an MV Hebrideas ge-tà tro dheuchainnean-mara air an deireadh sheachdainn, an deidh dhith bhith ann an doc-tioram ann an Grianaig airson obair-càraidh.

Tha an MV Clansman, agus MV Lord of the Isles, a th' air a bhith air slighe Ùige, Loch nam Madadh agus an Tairbeart san eadar-ama, air tilleadh dha na slighean àbhaisteach aca cuideachd.