Bhàsaich dràibhear làraidh 's e na chadal aig a' chuibhle

Làrach na tubaist

Bhàsaich dràibhear làraidh ann an tubaist rathaid, as deidh dha tuiteam na chadal aig cuibhle na làraidh aige air an A9 faisg air Ceann a' Ghiuthsaich sa Mhàirt 2015.

Chaidh Alasdsair Friseal, 50, a mharbhadh sa bhad nuair a bhuail an làraidh HGV aige ann an làraidh Argos.

Ann an rannsachadh tubaist basmhòr aig Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis, chualas bho luchd-fianais a chunnaic an làraidh aig Mgr Friseal a' dol tarsainn nan loidhnichean geala air an rathad gu tuath.

Chaidh dràibhear na làraidh eile, Seumas Kenmure, a leòn anns an tubaist.

Dh'innis esan dhan chùirt gun robh dùil aige gun robh e dol a bhàsachadh nuair a chunnaic e làraidh Mhgr Fhriseil a' tighinn ga ionnsaigh.

Chuala an t-Siorraidh, Mairead Neilson, gun robh trioblaidean cadail aig Mgr Friseal mus do thachair an tubaist.

Bha e mar is tric ag obair sioftaichean tron oidhche, ach bha obair togail a' dol faisg air a dhachaigh agus bha seo a' toirt buaidh air a chadal tron latha.

Bha uallach air a' chompanaidh dhan robh e ag obair, HSS, gun robh e a' gabhail amannan fois gun a bhith gan clàradh.

Ach thuirt an t-Siorraidh Neilson gun robh i riaraichte nach do dh'iarr a' chompanaidh air Mgr Friseal gun a bhith a' gabhail fois ma bha e sgìth