Tagraichean gan iarraidh airson a' Choimisein

Baile Croitearachd

Chaidh ìmpidh a chur air daoine an ainm a chur air adhart airson a bhith nan coimisearan air Coimisean na Croitearachd.

Thàinig seo agus a' bhuidheann a' cumail sreath de thachartasan air feadh a' chinn a tuath.

Thuirt fear-cathrach Comataidh Chroitearachd Chomhairle nan Eilean Siar, Uisdean Robasdan, gu bheil e an dòchas gun tig daoine air adhart, a dh'aindeoin a' bhuairidh a th' air a bhith a' cuairteachadh a' Choimisein.

"Tha mi a' smaointinn gu bheil sinn, gu ìre, air fàs searbh de na th' air a bhith a' dol air adhart bho chionn mhìosan", thuirt e, "'s gu bheil sinn airson gluasad air adhart a-nis."

Coinneamhan

Bidh na coinneamhan a' toirt a-steach grunn bhuidhnean a thuilleadh air a' Choimisean fhèin, leis an SAC agus an NFU nam measg.

Thathas an dòchas gun toir seo sealladh nas fhèarr do dhaoine mu na taghaidhean, ach cuideachd cothrom gus beachdachadh air gnothaichean croitearachd.

Bidh òraid air na tha an lùib nan taghaidhean, agus cuideachd cothrom dhan phoball ceistean a chur air na buidhnean a bhios an làthair.

"Put"

Thuirt an Comh. Robasdan gum bi na taghaidhean cudromach, an dèidh na th' air a bhith a' dol aig a' Choimisean.

"Tha e an urra dhuinn fhèin mar chroitearan agus mar choimhearsnachdan an dèidh an dol a-mach a th' air a bhith ann, a dhèanamh sàr-chinnteach an turas seo gu bheil sinn a' dèanamh cinnteach gu bheil sinn a' cur air adhart daoine a tha sinn toilichte às," thuirt Mgr Robasdan.

"Tha e an urra rinne mar choimhearsnachd, 's dòcha, beagan deasbad a dhèanamh, agus feuchainn ri dhèanamh cinnteach gum put sinn an fheadhainn a dh'fheumas putag bheag a dhol air adhart, oir 's e gnothach gu math cudromach a th' ann," thuirt e.

Bidh na coinneamhan air an cumail mar a leanas.

• Taigh-Òsta a' Chaladh, Steòrnabhagh - 26 Dàmhair 7:30f-9:00f

• Taigh-Òsta an Eilein Duirche, Beinn nam Fadhla - 27 Dàmhair 7:30f-9:00f

• Taigh-Òsta Ayre, Baile na h-Eaglaise, Arcaibh - 2 Samhain 7:30f-9:00f

• Taigh-Òsta Shealtainn, Lèiruig - 3 Samhainn 7:30f-9:00f

• Talla-Coimhearsnachd Drochaid a' Bhanna, Caitibh - 10 Samhain 7:30-9:00f

• Taigh-Òsta Falls of Lora, An t-Òban - 16 Samhain 7:30f-9:00f

• Talla Bhail' Ùr an t-Slèibh - 17 Samhain 7:30f-9:00f

• Talla-Coimhearsnachd Ghèarrloch, Gèarrloch - 23 Samhain 7:30f-9:00f

• Weigh Inn, Inbhir Theòrsa - 23 Samhain 7:30f-9:00f

• Taigh-Òsta Sgeaboist, An t-Eilean Sgitheanach - 24 Samhain 7:30f-9:00f