Nòs?

An Comunn Gàidhealach Image copyright An Comunn Gàidhealach

A bheil an dòigh anns a bheil sinn a' faicinn farpais an t-Seann Nòis air atharrachadh?

Tha cuid den bheachd nach bu chòir dha na h-òrain a bhith air an gabhail air àrd-ùrlar, ach 's ann a-nise mar sin a tha cuid den òigridh ag ullachadh air a shon.

Tha deasbad gu leòr air a bhith ann sna bliadhnaichean a dh'fhalbh mu dè dha-rìribh a th' anns an t-seann nòs, agus cuid den bheachd gu bheil nòsan eile a' toirt buaidh air cuid de sheinneadairean a bhios a' feuchainn air an fharpais aig a' Mhòd, agus fiù 's gu bheil an suidheachadh anns am feumar na h-òrain a ghabhail anns an fharpais a' toirt buaidh air.

Fireannaich

"Anns a' chiad dol a-mach, feumaidh mi a ràdh gur e rud mì-nàdarrach a th' ann a bhith a' cantainn "Seann Nòs" ri òrain Ghàidhlig," thuirt Christine Primrose, a bha na britheamh air farpais Bhuinn Airgid an t-Seann Nòis am-bliadhna.

"Bhon, 's e sin an dòigh, bha thu dìreach a' seinn òrain Ghàidhlig.

"Chan e "nòs sean" a bh' ann a-riamh. Bha e dìreach gu nàdarrach.

"Ach mar a tha cùisean air a dhol air adhart thairis air na bliadhnaichean tha sinn air a chur ann am bogsa ris an can iad "an Seann Nòs".

"Nise, chanainnsa mu dheidhinn sin, gum bi sinn a' coimhead airson an fharpaisich, e no i, a' toirt a-mach briathran a' bhàird, agus gun robh tuigse aca air na bha iad a' seinn.

"Sin e, aig a' cheann thall, chanainn," thuirt i.

'S e glè bheag de dh'fireannaich a th' air cur a-steach airson farpais an t-Seann Nòis am-bliadhna, ged a tha gu leòr anns na coimhearsnachdan aig a bheil comas seinn.

"Am-bliadhna tha e tàmaillteach dha-rìribh gu bheil e cho truagh," thuirt Christine.

Image copyright An Comunn Gàidhealach
Image caption B' iad Màiri Callan, 15 à Glaschu, agus Eòin Cuimeanach, 13, à Geàrrloch, a bhuanaich Buinn Airgid an t-Seann Nòis am-bliadhna.

"Chan eil ann ach dithis tha mi an dùil a tha a' dol a sheinn.

"Chan e farpais a tha sin ann, chanainn.

"Ach tha mi air a bhith a' bruidhinn ri duine no dithis thairis air na bliadhnaichean, balaich a bha mi fhèin a' smaoineachadh "nach tèid thu a-steach airson an t-Seann Nòis," 's chanadh iad "o, chan eil mise a' dol air beulaibh chamara".

"Chan e daoine proifeasanta a th' annta, 's chan eil iad cleachdte ri bhith a' seinn air beulaibh chamara, agus tha e a' cur an eagail orra, gu ìre," thuirt i.

Ged a tha coltas ann gu bheil fireannaich an là an-diugh gu math diùid mu bhith a' seinn air an telebhisean, ma dh'fhaoidte nach ann mar sin a bhios cùisean sna bliadhnaichean ri thighinn, agus cuid de ghillean a' seinn air an àrd-ùrlar an ìre mhath tric.

"'S e am Mòd an aon rud a bhios mi a' dèanamh, ach bidh mi a' gabhail pàirt ann an diofar mhòdan cuideachd, mar Mhòd Inbhir Nis agus am Mòd ionadail againn ann am Poll Iù," thuirt Eoin Cuiminneach, a bhuanaich farpais a' Bhuinn Airgid airson an t-Seann Nòis do ghillean eadar 13 agus 15 bliadhna de dh'aois.

"Bha mi a' faireachdainn caran cofhurtail air an stèidse, ach bha mi gu math iomagainneach nuair a thòisich iad a' leughadh a-mach nan ainmean, 's bha mi gu math taingeil nuair a bha e deiseil," thuirt e.

Eagal

Ma tha dha-rìribh rud ann ris an canar "an Seann Nòs", a bheil na suidheachaidhean anns am bi daoine a' seinn fhathast ga bhrosnachadh? An e rud beò a th' ann, no am bi daoine dìreach a' seinn 's an sùil air leithid a' Mhòid a-mhàin?

"Tha structar na coimhearsnachd air atharrachadh cho mòr," thuirt Christine.

"Chan eil na cuirmean a chleachd a bhith ann, agus feumaidh sinn a bhith a' coimhead air sin, dìreach sin mar a tha e.

"Tha cùisean a' dol air adhart. Cha leig iad a leas a bhith ag atharrachadh mar a tha iad a' seinn nan òran, ach dìreach far a bheil iad air an cur anns a' chiad dol a-mach.

"Mar an talla mhòr a tha seo, no talla mhòr sam bith eile. Tha e eagallach dha na balaich òga a tha sin, no clann-nìghean òga. Tha e cho mì-nàdarrach dhaibh, agus chan eil iad a' seinn cho math 's is urrainn dhaibh.

"Sin e mar a tha e. Feumaidh sinn dìreach faicinn dè 's urrainnear a dhèanamh.

"Bhon tha fhios againn gu bheil na seinneadairean anns na comihearsnachdan.

"Tha iad air a bhith ann, tha agus bha agus bithidh.

"Tha e cho tàmaillteach nach eil sinn gam faicinn no gan cluinntinn.

"Bhithinn an dòchas gu bheil sin a' dol a dh'atharrachadh. Chan eil fhios agam ciamar," thuirt i.

'S ann Diardaoin a chumar farpais Seann Nòis nan inbheach.