Dùil ri maill air an A82

Trafaig a' feitheamh air Drochaid Thom na h-Iubhraich Image copyright Anne Burgess/Geograph

Tha rabhadh ga thoirt do dhràibhearan ann an Inbhir Nis gu bheil dùil ri maill air an A82 aig Drochaid Thom na h-Iùbhraich an ath-sheachdain ri linn obair air Ceangal-rathad an Iar a' bhaile.

Tòisichidh obair Diluain 24mh an Damhair a chuireas maill air trafaig air an A82, leis an rathad ga dhùnadh air an oidhche. Thèid seach-shlighe a chur air dòigh taobh drochaid Bhaile an Fhraoich.

Thèid lèanaichean an rathaid a chaolachadh Dimàirt 25mh agus Diciadain 26mh tron là anns an dearbh àite.

Bu chòir a bhith an dùil gun toir tursan nas fhaide na 's àbhaist.

Feumaidh an rathad cuideachd a bhith air a dhùnadh dà thuras eile air an oidhche - Diardaoin 27mh eadar 7:00f agus 07:00m, agus Diluain 31mh eadar na dearbh uairean. Bidh seach-rathad air a chur air dòigh a-rithist, taobh drochaid Bhaile an Fhraoich.

Bidh cuideachd obair ga dèanamh air an rathad Dimàirt 1mh an t-Samhain, le lèanaichean gan dùnadh gu sealadach. Bu chòir a-rithist a bhith an dùil ri maill.

Tha Slighe a' Ghlinne Mhòir a' dol tron sgìre air an tèid obair a dhèanamh, ach cha chuirear maill air luchd-coise.

Thuirt labhraiche bho Chomhairle na Gàidhealtachd: "Tha an obair seo a dhìth gus an gabh an A82 a cheangal ris a' Cheangal-rathad an Iar.

"Thathas a' dèanamh gach oidhirp gus a' bhuaidh a bheir seo air trafaig a chumail cho beag 's a ghabhas.

"Ach thathas a' comhairleachadh do dhràibhearan gun toir iad ùine a bharrachd dhaibh fhèin air na làithean a th' air an ainmeachadh, agus an t-seach-shlighe a leantainn.

"Thathas an dùil gum bi an obair air a' Cheangal-rathad an Iar deiseil, a rèir a' chlàr-ama, san Dùbhlachd 2017."