Buinn Òir a' Chomuinn Ghàidhealaich

Image caption 'S iad Eachann Mac Eachairn à Samhairidh ann Morbhairne, agus Carol NicIlleathain à Tobar Mhoire a shoirbhich.

Chaidh Buinn Òir a' Chomuinn Ghàidhealaich a thoirt seachad aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Steòrnabhagh.

'S iad Carol NicIlleathain à Tobar Mhoire, agus Eachann Mac Eachairn à Samhairidh anns a' Mhorbhairne a shoirbhich.

Ann an Co-fharpais nam Ban fhuair Carol NicIlleathain comharra 736.

Bha Ceitidh Nic a' Ghobhainn à Inbhir Nis san dàrna àite, le 726.

Fhuair Isabel Nicleòid à Càrlabhagh an treas àite le 722.

Bha Ainsley Hamill à Càrdanros anns a' cheathramh àite le 719.

Ann an Co-fharpais nam Fear fhuair Eachann Mac Eachairn comharra 724.

Ghlèidh Seumas Mac an t-Sagairt an dàrna àite le 716.

Bha Alasdair MacMhuirich à Ìle anns an treas àite, le 715.

Fhuair Marcas Mac an Tuairneir à Inbhir Nis an ceathramh àite le 709.