Dùil ri tuilleadh ghearraidhean aig tuath.

Comhairle na Gàidhealtachd

Tha dùil gun tig air Comhairle na Gàidhealtachd sàbhalaidhean luach £26m a dhèanamh an ath-bhliadhna.

Tha figearan a chaidh fhoillseachadh madainn Diardaoin, agus a tha a' toirt ro-sheallaidh air buidseat an ùghdarrais ionadail, ag ràdh cuideachd gum feumar eadar £47m agus £72m a chùmhnadh thar an ath thrì bliadhna.

Gheibh ùghdarrasan ionadail na h-Alba fiosrachadh mu mheud na taic-airgid a gheibh iad bhon Riaghaltas air 15mh an Dubhlachd.

Ach tha dùil aca gun tig orra tuilleadh gearraidhean mòra a chur an sàs.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd, ma thig gearradh mu 4% air an taic-airgid sin, gum feum iad seirbheisean a ghearradh a-rithist, leis gur ionnan 1% ri mu £4.5m nas lugha.

Ach tha Riaghaltas na h-Alba air an casg a chur iad air cìs na comhairle àrdachadh a thogail, agus bidh cead aig Comhairle na Gàidhealtachd 3% a chur air na thogas iad bho dhachannan bhon Ghiblean seo tighinn.

Thuirt ceannard na Comhairle, Mairead NicDhàibhidh, gun robh suidheachadh an ionmhais fhathast na adhbhar iomnaidh, agus gu bheil dùil aca gun caill iad 25% den teachd-a-steach aca thar an ath thrì bliadhna.