Déjà vu uair eile

Dè a' Bheurla air déjà vu?

Chan eil fhios fhathast an tèid casg a chur air cleachdadh a leithid de dh'abairtean coigreach nuair a dh'fhàgas Breatainn an t-Aonadh Eòrpach ann an 2019 - cuid dhith co-dhiù.

Ach fhad 's nach deach artagail 50 de Chunnradh Lisbon a chur an gnìomh fhathast, chanainn gu bheil e sàbhailte gu leòr a cur gu feum an-diugh.

Is math sin, oir is i an abairt as fhiach gus bruidhinn mu Bhile Reifrinn a Dhà, a dh'fhoillsicheadh le Riaghaltas na h-Alba.

Na bhrìgh, cha mhòr gur ionnan e agus bile 2013 a chur bhòt 2014 air dòigh.

Tha fios, ge-tà, gu bheil an suidheachadh air atharrachadh gu h-iomlan.

Roghainn

Dh'fhàgadh sin gum biodh cead bhòtaidh uair eile aig deugairean aois 16 agus 17 agus - gu brìoghmhor an turas-sa - saoranaich an Aonaidh Eòrpaich a tha a' fuireach ann an Alba.

Chuireadh an aon ceist - am bu chòir do dh'Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeilich.

Agus, bhiodh Riaghaltas na h-Alba ag iarraidh Òrdugh Earrann 30 bho Westminster gus toradh na bhòt a chur thar dùbhlain laghail.

Dh'fhàgadh, chuireadh agus bhiodh - seach fàgaidh, cuiridh agus bidh.

Cha do chuir Nicola Sturgeon roimhpe an tèid am bile seo a chur fa comhair na Pàrlamaid idir.

A rèir na chaidh fhoillseachadh an-diugh, thèid an roghainn sin a dhèanamh "thar nam mìosan ri teachd".

Dòchas

Tha aig an t-sluagh don 11 den Fhaoilleach gus beachdachadh air an dreach seo.

Ach is lèir gu bheil an tìde a ruith air a' phrìomh mhinistear cuideachd.

Na ro-ràdh fhèin, their Ms Sturgeon gu feumadh cothrom a bhith aig muinntir na h-Alba taghadh a dhèanamh mus fàg an Rìoghachd Aonaichte an t-Aonadh Eòrpach.

Is ann mar sin a bhiodh i an dòchas Alba a chumail ann an Aonadh Eòrpach gun fheum aice air iarrtas ballrachd a dhèanamh bho thaobh a-muigh.

Ach gus sin a dhèanamh, dh'fheumadh ùine a bhith ann airson sgrùdadh a' bhile leis a' Phàrlamaid aig Holyrood agus gus aonta a ruighinn leis an riaghaltas ann an Lunnainn.

Gu simplidh, airson bhòt a chumail ann an 2018, shaoileadh tu gum b'fheudar an obair sin a thòiseachadh an ath-bhliadhna.

Toil

Is i ceist eile am biodh Westminster deònach bhòt eile a cheadachadh.

Ged a thuirt Theresa May gum bu chòir gabhail ri toradh 2014 "fad ginealaich" bha i faiceallach gun diùltadh an cumhachd a thoirt seachad nam biodh Holyrood ga iarraidh.

Is i a tha glic agus làn fhios aice gum faodadh taic airson neo-eisimeileachd fhèin fàs nam bu choltach gun robh i a' seasamh an aghaidh toil an t-sluaigh.

Ach dè an toil sin?

Chan fhaca sinn gluasad deimhinneach anns na cunntasan beachd mar thoradh air bhòt an Òg-mhios - fhathast.

Tha am bile ann a-nis - chan fhada gum faic sinn an tèid a thort far na sgeilpe.