Còisirean Bharraigh agus Ìle a' faighinn buaidh

Còisir Ghàidhlig Bharraigh
Image caption B'e an-uiridh a' chiad turas aig Còisir Ghàidhlig Bharraigh aig Mòd Nàiseanta Rìoghail.

'S iad Còisir Ghàidhlig Bharraigh a choisinn Sgiath Latharna aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail sna h-Eileanan an Iar Diardaoin.

Bhuanaich Còisir Ghàidhlig Ìle Cuach Cuimhneachan an t-Siorraim MacMhaighstir Caimbeul.

Cuideachd Diardaoin 's iad Còisir Sgìr' a' Bhac a fhuair Geall-dùbhlain Telebhisean Grampian 's iad a' faighinn buaidh ann am farpais nam ban.

Choisinn Còisir Ghàidhlig nan Loch Geall-dùbhlain Cuimhneachan Aline NicCoinnich airson Port-a-beul.