Cùis mhèirle ann an Druim na Drochaid

Leanaidh cùis lagh duine a tha fo chasaid gun do chleachd e gunna gus mèirle a dhèanamh aig dachaigh ann an Druim na Drochaid.

Thathas a' cur às leth Ali Akguc gun deach e a-steach a thaigh Lisa Cetiner ann an Cille Mhoire le pìos dha aghaidh còmhdaichte air an 6mh den Dùbhlachd 2015.

Thathas a' cur às a leth cuideachd gu robh e a' bagairt gunna a losgadh air Ms Ceitner agus an dithis chloinne òg a bha fo a cùram agus gun do ghoid e £3,165 bhoipe.

Tha Mgr Akguc a' dol às àicheadh nan casaidean.

Tha a' chùis san Àrd-chùirt ann an Obar Dheathain.

Cluinnidh diùraidh de 11 fhireannach agus ceathrar bhoireannach bho luchd-fianis a' Chrùin Dihaoine.