Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 10:00m

21 An Dàmhair 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Comhairle na Gàidhealtachd

Thuirt Ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd, Mairead Davidson, gu bheil suidheachadh ionmhais an ùghdarrais fìor dhoirbh agus gum feum iad £26m a chùmhnadh air an ath-bhliadhna. Tha coltas ann gum faodadh luach £72m de ghearraidhean a bhith ann thairis air an ath thrì bliadhna. Tha comhairlichean ag aideachadh gun toir sin buaidh air seirbheisean agus air cosnaidhean.

Brexit

Thuirt Theresa May gum bi Breatainn an teis-mheadhan an Aonaidh Eòrpaich fhad 's a tha còmhraidhean a' leantainn air mar a thèid aig an dùthaich air an Aonadh fhàgail. Bha i a' bruidhinn aig coinneimh de cheannardan na buidhne anns a' Bhruiseil an-raoir, 's i ag ràdh gum biodh làn-phàirt aig Breatainn ann an obair an EU gus an tig Brexit gu buil.

Fo-thaghadh

Chùm na Tòraidhean an roinn-Phàrlamaid a bh' aig Dàibhidh Camshron ann am fo-thagadh ann an Witney ann an Oxfordshire ach le mòr-chuid gu math nas lugha. Bha e sìos bho chòrr 's 25,000 bhòt aig an taghadh choitcheann an-uiridh, gu 5,700. Ann an roinn-Phàrlamaid Batley and Spen ann an Yorkshire, chùm tè a bha na cleasaiche air Coronation Street, Tracey Brabin, an seata dha na Làbaraich. Bha fo-thaghadh an sin an dèidh murt Jo Cox anns an Ògmhios am-bliadhna.

Iorac

Tha aithrisean a' tighinn à Iorac gu bheil feachdan na Stàite Ioslamaich a' toirt ionnsaigh air baile Kirkuk an ceann a tuath na dùthcha. Thuirt feadhainn a tha a' fuireach anns a' bhaile gu bheil na Jihadaich ag amas air toglaichean an Riaghaltais agus air na Poilis. Tha seo a' tighinn agus feachdan Ioracach a' cumail orra len ionnsaigh air Mosul an ceann a tuath na dùthcha, am baile mu dheireadh anns a bheil cumhachd aig IS.

Aberfan

Chaidh mionaid de shàmhchair a chumail an ceann a deas na Cuimrigh nas tràithe mar chuimhne air na chaill am beatha ann an tubaist Aberfan bho chionn 50 bliadhna. Chaidh 116 de chloinn-sgoile a mharbhadh agus 28 inbheach nuair a ghluais càrn mòr de sgudal bho mhèinn-ghuail anns a' bhaile. Bidh am Prionnsa Teàrlach am measg eile a' tadhal air an làraich an-diugh fhathast.

Am Mòd

Aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Steòrnabhagh 's iad Claire NicAmhlaigh à Nis agus Torcuil MacLeòid à Steòrnabhagh a choisinn Buinn Òir an t-Seann Nòis an-raoir. 'S e an-diugh là nan còisirean mòra 's iad a' strì airson Sgiath MhicShimidh agus Thulaich Bhàrdainn agus Cuach Cuimhneachan Mairead NicDhonnchaidh am measg eile.