Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

24 An Dàmhair 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Tha Theresa May a' coinneachadh ri ceannardan na h-Alba, na Cuimrigh agus Èireann a Tuath an-dràsta agus iad a' deasbad Brexit. Tha aithrisean ann gun diùlt am Prìomh Mhinistear sùbailteachd do dhiofar sgìrean den Rìoghachd Aonaichte ann a bhith a' fàgail an Aonaidh Eòrpaich agus gun can i riutha ma tha draghan orra, iad sin a thogail le Rùnaire Brexit, Dàibhidh Davies.

Calais

Tha fògarraich a' fàgail a' champa faisg air Calais anns an Fhraing a thèid a dhùnadh agus a leagail an t-seachdain seo. Thèid feadhainn a bha anns a' champa a chur gu àiteachan-còmhnaidh eile air feadh na Frainge. Agus chuir Oifis na Dùthcha, an dèidh iarrtas bho na h-ùghdarrasan anns an Fhraing, stad airson ùine air toirt cloinne às an Fhraing a-staigh a Bhreatainn.

Sealg

Thuirt Poilis Alba nach eil an lagh a' cur casg air sealg shionnach le coin ag obrachadh agus nach eil soilleireachadh ann an achd a chaidh a stèidheachadh ann an 2002. Tha beachd nam Poileas ann am freagairt do dh'ath-sgrùdadh air an lagh mu shealg shionnach. Tha e coltach nach deach duine a dhìteadh airson sealg shionnach mhì-laghail bho chaidh an lagh a stèidheachadh.

Coilltearachd

Foillsichidh Rùnaire na h-Eaconamaidh Dùthchail àrdachadh anns an taic airgid airson coilltearachd a bhrosnachadh. Tha Fearghas Ewing a' cumail chòmhraidhean le ceannardan gnothachais air a' Ghàidhealtachd mu ghnìomhachas anns a bheil luach còrr 's £1bn anns a' bhliadhna. Tha dragh ann mu sheasmhachd a' ghnìomhachais ge-tà, mura tèid tuilleadh chraobhan a chur.

Rio Tinto

Thuirt am Ball-Pàrlamaid Gàidhealach Iain Blackford gu bheil e gu math dòchasach gun tèid an leaghadair aluminium anns a' Ghearasdan a chumail mar a tha e, ged a tha còmhraidhean ann mu dheidhinn a reic. Thuirt Rio Tinto, a' chompanaidh dham buin e, gu bheil iad a' bruidhinn air an goireas a reic agus tha dragh san sgìre gun dùin e agus gum faodar faisg air 150 cosnadh a chall.

Ball-coise

Tha e coltach gum faodadh dìreach aon seisean de bhall-coise far a bheil cluicheadairean a' cur an cinn ris a' bhall droch bhuaidh a thoirt sa bhad air an eanchainn agus air a' chuimhne. Fhuair rannsachadh aig Oilthigh Shruighlea fianais gum faodadh dìreach aon seisean goirid cron a dhèanamh air an eanchainn fad 24 uairean.