Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

25 An Dàmhair 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Raon-laighe

Thèid co-dhùnadh an Riaghaltais air raon-laighe ùr do cheann an ear-dheas Shasainn fhoillseachadh an-diugh. Tha aithrisean ann an-diugh sa mhadainn gu bheil an Riaghaltas air taobhadh ri Coimisean Davies a mhol an treas raon-laighe aig Heathrow, seach leudachadh aig Gatwick.

Calais

Chaidh tòiseachadh a' leagail campa nam fògarrach ann an Calais anns an Fhraing an-diugh. Chaidh còrr 's dà mhìle de na fògarraich a ghluasad a-mach às a' champa ris an canar an Jungle an-dè gu àiteachan-còmhnaidh eile anns an Fhraing, às am faod iad comraich iarraidh.

UHI

Thuirt Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean gur e mì-chinnt mu Brexit as coireach gun do chuir iad stad air pròiseact mòr. Bha UHI am beachd £30m de dh'airgead an Aonaidh Eòrpaich a chleachdadh a' leasachadh sgilean obrach san sgìre. Agus thuirt an t-Oilthigh gu bheil teagamh ann cuideachd mu obair rannsachaidh eile.

HIE

Thèid sgrùdadh Riaghaltas na h-Alba air na buidhnean leasachaidh fhoillseachadh an-diugh. Bha dragh ann gun cuireadh còmhla Iomairt na h-Alba agus Iomairt na Gàidhealtachd mar aon bhuidheann nàiseanta, ach chuir Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, às dhan dragh sin gu ìre mhòir nuair a thuirt i, air a' mhìos seo chaidh, gun dèanadh an Riaghaltas cinnteach gun leanadh deagh obair HIE air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan.

Queensland

Tha rannsachadh a' dol air adhart an dèidh do cheathrar, dithis fhear agus dithis bhoireannach, am beatha a chall aig Pàirce Chur-Seachadan Dreamland ann an Queensland ann an Astràilia. Thachair an tubaist air cur-seachad air uisge ris an canar Thunder River Rapids Ride.

Làraidh-sgudail

Chuir an Àrd-Chuirt ann an Sruighlea binn bliadhna sa phrìosan air draibhear làraidh-sgudail a bu choireach ri bàs seann duine. Bhuail an làraidh a bha Scott Hamilton a' draibheadh ann an sgùtair do chiorramaich air an robh Peter Wills, a bha 80 bliadhna de dh'aois, ann an Dùn Bhlàthain anns an Dùbhlachd ann an 2014.

Pagastan

Thuirt buidheann na Stàit Ioslamaich gur iad a thug ionnsaigh air colaiste trèanaidh do phoilis faisg air baile Quetta ann an ceann an iar-dheas Phagastan. Chaidh faisg air 60 de na caideatan agus geàird a mharbhadh agus còrr 's 100 duine a leòn.

Drochaid

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad duilich mun dàil air an obair aig Drochaid Thom h-Iubhraich ann an Inbhir Nis a chuir maill mhòr air draibhearan anns a' mhadainn an-diugh. Bha dùil gum biodh rathad an A82 fosgailte a-rithist anns a' mhadainn an dèidh obair tron oidhche mar phàirt de leasachadh air ceangal-rathad ùr an iar a' bhaile. Thuirt a' Chomhairle gun toir iad sùil a-rithist air an obair tron oidhche gus nach bi maill ann den t-seòrsa 's a bh' ann madainn an-diugh.

Baile Eòghainn

Bidh comhairlichean Gàidhealach a' beachdachadh an-diugh air am bu chòir stèisean-rèile Bhaile Eòghain air Taobh Sear Rois fhosgladh às ùr. Dhùin e ann an 1960 ach chaidh iarraidh bho chionn ghoirid air Comataidh Rois agus Chrombaigh meòrachadh air beachd an t-sluaigh iarraidh agus taic-airgid iarraidh airson sgrùdadh air an fhiach an stèisean fhosgladh a-rithist.