HIE fon phrosbaig

HIE Image copyright HIE

Thèid molaidhean airson dòighean obrach Iomairt na Gaidhealtachd nan Eilean agus Iomairt na h-Alba atharrachadh a dheasbad le buill de Phàrlamaid na h-Alba Diciadain.

Mhol ath-sgrùdadh gum biodh an dà bhuidhinn fhathast ann, ach gum biodh aon bhòrd-stiùiridh os an cionn.

Thuirt Fear-Gairm Chomhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, gum feumadh an Riaghaltas sealltainn nach robhas a' tarraing chumhachdan gu meadhan na dùthcha, agus tha fear a bha roimhe na mhinistear Làbarach airson na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Alasdair Moireasdan, air innse dhan BhBC nach eil HIE ach a' leantainn ann an ainm a-mhàin.

Ath-sgrùdadh

Rinn Riaghaltas na h-Alba ath-sgrùdadh air buidhnean iomairt is sgilean na bu tràithe am-bliadhna.

Ged nach bi ann ach aon bhòrd, thuirt Riaghaltas na h-Alba gun tèid seirbheisean air a' Ghàidhealtachd a dhìon.

Tha seirbheis ùr ga moladh airson ceann a deas na h-Alba cuideachd.

Taic

Tha Iomairt na Gàidhealtachd a' cur taic ri mòran ghnìomhachasan agus a' brosnachadh na h-eaconamaidh anns na h-Eileanan Siar, na h-Eileanan mu Thuath, air a' Ghàidhealtachd, ann am Moireabh agus an Earra-Ghàidheal.

Thòisich a' bhuidheann mar Bhòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd 's nan Eilean bho chionn 50 bliadhna.

Chaidh Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean a stèidheachadh ann an 1990.