Deugairean a dhìth

Orla Begg, air an làimh chlì, agus Zoe Walton Image copyright Poileas Alba
Image caption Tha Orla Begg, air an làimh chlì, agus Zoe Walton, air a bhith a dhìth bho Dhimàirt.

Rinn na Poilis tagradh is iad a' sireadh fiosrachaidh mu dhithis nighean 14 bliadhna de dh'aois à Taobh Sear Rois a tha a dhìth.

Chaidh Orla Begg agus Zoe Walton fhaicinn mu dheireadh aig Stèisean-rèile Inbhir Nis Dimàirt.

Tha dùil gun deach iad air trèana a dh'Obar Dheathain.

Tha Orla 5' 2" de dh'àirde le sùilean gorma agus falt donn-ruadh.

Tha Zoe 5' 6" le sùilean gorma agus falt donn.

Tha na Poilis air a' Ghàidhealtachd agus ann an Siorrachd Obar Dheathain a' coimhead air an son.