Ross County a' cur fàilte air Celtic

Cluicheadair Celtic Stuart Armstrong Image copyright SNS
Image caption Dh'fhaodadh gum bi Stuart Armstrong ann an sgioba Celtic airson a' gheama an aghaidh Ross County.

Bidh Ross County às aonais a' chluicheadair-aghaidh aca Liam Boyce airson a' gheama an aghaidh Celtic Diciadain.

Chaidh a ghoirteachadh ma ghlùin, agus cha bhi e air chomas cluiche.

Bidh Tim Chow cuideachd a dhìth airson na Staggies ann am meadhan na pàirce agus e air a chasg.

Tha cha mhòr sgioba slàn aig Brendan Rogers ri thaghadh an dèidh na h-iar-chuairt-dheireannaich eadar Celtic agus Rangers.

Dh'fhaodadh gun tig atharrachadh neo dhà air a sgioba ge-tà ro na geamaichean an aghaidh Obar Dheathain agus Borussia Mönchengladbach san t-seachdain a tha romhainn.

Bidh cùisean doirbh do Ross County fiù 's aig an taigh, oir chan eil iad ach air aon gheama a bhuannachadh an aghaidh Celtic sa Phrìomh Lìog.

Rinn iad a' chùis 3-2 sa Mhàrt 2013.

Thuirt Manaidsear Ross County Jim Mac an t-Saoir gu bheil dùbhlan ron sgioba aige.

"Tha iad a' cruthachadh tòrr chothroman, agus tha lùths aca. Feumaidh sinne a bhith deiseil 'son sin," thuirt e.

Thog Manaidsear Celtic Brendan Rodgers air cho cudromach 's a tha an sguad air fad.

"'S e seusan fhada a th' ann, 's tha tòrr gheamaichean ri chluiche fhathast," thuirt e.