Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

26 An Dàmhair 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

HIE

Bidh deasbad ann am Pàrlamaid na h-Alba an-diugh air a' mholadh chonnspaideach airson Iomairt na h-Alba agus Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean a chur fo aon bhord-stiùiridh nàiseanta. Tha Comhairle nan Eilean Siar am measg na tha a' cur ceist anns an structar ùr a dh'ainmich Riaghaltas na h-Alba agus tha dragh air feadhainn gu bheil an Riaghaltas a' sìor tharraing chumhachdan air falbh gu meadhan na dùthcha.

Heathrow

Thuirt Rùnaire na Còmhdhail, Chris Grayling, gu bheil Port-Adhair Heathrow a' beachdachadh air pàirt den raon-laighe ùr a thogail os cionn rathad an M25. Thuirt Mgr Grayling gum biodh sin nas saoire agus nas luaithe na bhith a' cur an raoin-laighe ann an tunail fon rathad. Thug an Riaghaltas cead dhan treas raon-laighe aig Heathrow an-dè ged a tha cuid de mhinistearan anns a' Chaibineat na aghaidh.

Vodafone

Chuir Ofcom a' chàin as motha fhathast, £4.6m, air Vodafone. Thuirt Riaghladair a' Chonaltraidh gun do mheall Vodafone an luchd-cleachdaidh air cùmhnantan pay-as-you-go agus gun do bhrist iad riaghailtean mu dhèiligeadh ri gearanan. Dh'iarr Vodafone an leisgeul a ghabhail.

Lloyds

Chuir Buidheann Banca Lloyds £1bn eile an dara taobh airson airgead-dìolaidh a thoirt do dh'fheadhainn dhan deach àrachas PPI a reic gu ceàrr. Tha gnìomhachas nam bancaichean air £30bn a chosg mu thràth a' dèiligeadh ris a' chùis.

Iasgach

Bidh ceannardan iasgaich na h-Alba a' coinneachadh ri Riaghaltas na h-Alba agus ri Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an-diugh an dèidh na bhòta airson falbh às an Aonadh Eòrpach. Tha Caidreachas Iasgairean na h-Alba a' coinneachadh ann an Lunnainn an toiseach ri Ministear Iasgaich na Rìoghachd Aonaichte, Andrea Leadsom, agus an dèidh sin ann an Dùn Èideann ri Ministear Brexit Riaghaltas na h-Alba, Mike Russell. Tha an Caidreachas gu mòr airson an EU fhàgail.

Croitearachd

Tha sreath choinneamhan poblach a' tòiseachadh a-nochd ag iarraidh air daoine seasamh anns an taghadh gu Coimisean na Croitearachd. Tha a' chiad choinneamh ann an Steòrnabhagh agus connspaid ann fhathast mun dòigh anns a bheil an Coimisean air a bhith a' dèiligeadh ri comataidhean ionaltraidh agus feadhainn ag iarraidh air Cathraiche a' Choimisein, Cailean Ceannadach, a dhreuchd fhàgail.