A rèir a' phlana

Saoil an deach seachdain Theresa May a rèir a' phlana?

Thoisich i le coinneimh aig Àireamh a Deich le ceannardan na h-Alba, na Cuimrigh agus Èirinn a Tuath, a' chiad uair a choinnich Co-Chomhairle nam Ministearan (an JMC) o 2014.

Tha làn fhios aig a' phrìomhaire nach eil ise agus na ceannardan eile air an aon ramh air Brexit - chan eil fiù 's Arlene Foster a' dol leatha, chuir ise taic ris ron a' bhòt, nuair a bha Mrs May fhèin fhathast na aghaidh.

Ach nam b' e miann a' phrìomhaire sealtainn gun robh i ag èisteachd gu foighidneach ris na Ceiltich cealgach, abair gun do dh'fhàilig oirre.

Aig toiseach na maidne bha an riaghaltas aice ag ràdh gun robh a h-inntinn agus a cluasan fosgailte.

Ach cha b'fhada gus am bu choltach gun robh doras dubh Àireamh a Deich dùinte.

Iarrtas

Mar phàirt den trioblaid gun do bhruidhinn Mrs May tron labhraiche aice, a bha a' bruidhinn ris na meadhanan mus robh coinneamh na maidne fiù 's deiseil.

Dhearbh e nach gabhadh - am beachd Àireamh a Deich - slighe fa leth a leantainn le Alba air cùisean leithid in-imreachd agus na margaid singilte, a dh'aindeoin iarrtais bho Nicola Sturgeon.

A-nis, chan eil e na iongnadh dhòmhsa gur e sin beachd a' phrìomhaire - ach carson an do chuir an labhraiche roimhe a chur am follais cho tràth?

Nas miosa builleach bha an rabhadh bhuaithe gun dèanadh cron air seasamh Riaghaltas Bhreatainn nam biodh Alba a' bruidhinn ris an roinn Eòrpa gu fa leth.

Bha sin na dhuais do Nicola Sturgeon a thuirt nach b' urrainn dhi cron a dhèanamh air rud nach robh ann.

Cuiridh sin barrachd dragha air Theresa May.

Ìomhaigh

Tuigidh tu carson nach eil Theresa May airson gach miann aice a chur am follais airson a' chòmhraidh a leanas air cur an gnìomh artagail lethchead de Chunnradh Lisbon as t-Earrach.

Mairidh an còmhradh sin fada agus dh'fhaodadh e a bhith doirbh do sgiopa na Rìoghachd Aonaichte ma tha na loidhnichean dearga aca follaiseach bhon toiseach.

A bharrachd air sin, tha iomairt an reifrinn Eòrpaich air seann sgaraidhean fhosgladh anns a' phàrtaidh Tòraidheach.

Tha gu leòr air na cul-bheingean - agus is dòcha fear no dithis air a' bheing aghaidh - a bha airson Brexit agus a leumas air fianais sam bith nach eil am prìomhaire a' dol fada gu leòr.

Ach air an làimh eile, gu ìre air sgàth 's nach robh Àireamh a Deich air a shon, cha deach ìomhaigh shoilleir den t-seòrsa Brexit a bha air fàire a thoirt seachad ron a bhòt.

Agus, cha deach Theresa May fhèin a thaghadh mar phrìomhaire leis an t-sluagh, ach leis a' phàrtaidh aice, gun fiù 's farpais le tagraichean eile.

Soilleireachd

Tha seo uile a' fàgail gu bheil Mrs May fo uallach - anns an Roinn Eòrpa agus aig an taigh, aig Westminster agus a-muigh air an iomall Cheilteach mìneachadh dè dìreach a tha i ag iarraidh bhon chòmhradh a thòiseachas a-màireach.

Chaidh an t-uallach sin a chur an cèill an-diugh aig Westminster le Jeremy Corbyn agus aig Holyrood le Mìcheal Ruiseal, às dèidh iarrtais bho Nicola Sturgeon air a' mhadainn gun tigeadh Alba còmhla gus an dùthaich a dhìon bho Brexit "cruaidh".

Na feagairt do cheist Mhgr Corbyn thuirt am prìomhaire gun robh na bha i ag iarraidh gu math soilleir - gum biodh cothrom aig an Rìoghachd Aonaichte obair taobh a-staigh na margaid singilte agus stad a chur air saorsa gluasaid bhon Aonadh Eòrpach.

Ach ciamar?

An gabh an dà rud a dhèanamh no an e an fhìrinn gun tèid iad an aghaidh a chèille?

Is coltach gu bheil soilleireachd air na ceistean seo fhathast gu math fada air falbh.