Ceithir tadhail dha Celtic air a' Ghàidhealtachd

Ross County 0-4 Celtic Image copyright SNS

Fhuair Celtic trì tadhail anns na seachd mionaidean mu dheireadh, gus a' chùis a dhèanamh 4-0 air Ross County.

Chaidh iad air thoiseach an dèidh dìreach trì mionaidean, ach thàinig County air ais, a' cumail ceann a' mhaide riutha airson pàirtean mòra den gheama.

'S e Stuart Armstrong a fhuair an dàrna tadhail dhaibh le seachd mionaidean air fhàgail air a' ghleoc.

Fhuair Scott Sinclair agus Moussa Dembele, a bh' air a thighinn far na beinge, an dà thadhal eile ann an ùine a bharrachd.

Tha sin a' ciallachadh gu bheil Celtic a-nis seachd puingean air thoiseach air Obar Dheathain aig mullach na Prìomh Lìge.

Chaidh Ross County co-ionnan le Partick Thistle, 's iad anns an deicheamh àite.

Image copyright SNS

Bha mì-thoileachas am measg na Staggies ge-tà, nuair a chaidh Liam Boyce a leagail gu làr le fear-glèidhidh Celtic Craig Gòrdan.

Fhuair e cairt-bhuidhe, ach thuirt manaidsear Ross County Jim Mac an t-Saoir gun robh e fortanach.

"Nam biodh sin air tachairt am meadhan na pàirce, bhiodh e air cairt-dhearg fhaighinn."

"Bha mi toilichte le mar a chluich sinn ge-tà, agus mar a dhèilig sinn le bhith a' call tadhail cho tràth," thuirt e.

Rinn manaidsear Celtic, Brendan Rogers, grunn atharraichidhean ris an sgioba aige, ach bha e toilichte le mar a chaidh cùisean.

"Chan e geama furasta a bha seo, ach thòisich sinn gu math."

"Sheall sinn gu bheil sinn fut, agus chrìochnaich sinn an geama gu làidir cuideachd", thuirt e.