Tubaist bhàsmhor am Moireibh

Tubaist air a' Bh9016 Image copyright Brian Smith
Image caption Bha an nighean a bhàsaich ann am Vauxhall Corsa.

Bhàsaich nighean aois 14 bhliadhna, agus chaidh triùir dheugairean eile a leòn gu dona, ann an tubaist-rathaid ann am Moireibh.

Thachair an tubaist le dà chàr aig 10:38f oidhche Chiadain air a' B9016 aig an Allt Mhòr faisg air Baile Chèith.

Bhuineadh an nighean a bhàsaich do sgìre Bhucaidh.

Cha deach a h-ainmeachadh, ach chaidh fios a chur air a teaghlach.

Chaidh nighean eile, a bha cuideachd 14, a leòn cho dona 's gun robh i ann an cunnart bàsachadh, agus chaidh a sgèith dhan osapdal an Glaschu.

Tha clann-nighean aois 16 agus 17 air an leòn gu dona, ach chaidh aithris gu bheil iadsan ann an suidheachadh seasmhach.

Bha na càraichean air an dràibheadh le fireannach aois 17, agus fireannach aois 42.

Cha deach an goirteachadh-san ro dhona.

Tha na Poilis ag iarraidh air duine sam bith a chunnaic am Vauxhall Corsa dubh no an Nissan Terrano glas ron tubaist fios a chur thuca.