Àireamhan nan traon sìos a-rithist

Traon Image copyright Steve Knell

Thuit àireamhan nan traon, eun cho tearc 's a tha an Alba, airson na dàrna bliadhna sreath a chèile, a rèir RSPB na h-Alba.

Bidh traoin ag àlachadh anns na h-eileanan, ann am pàirtean de dh'iar-thuath na Gàidhealtachd agus an Earra-Ghàidheal.

Bithear gan cunntadh le bhith ag èisteachd ris na gairmean aig traoin fhireann

Chaidh 1,059 a chunntadh am-bliadhna, an coimeas ri 1,069 an-uiridh agus 1,289 ann an 2014 - an àireamh a bu mhotha ann an 45 bliadhna.

B' ann an Tiriodh, far an deach 346 eun a chunntadh, a bha an àireamh a bu mhotha am-bliadhna.

Bidh traoin ag àlachadh an Alba tron earrach agus tron t-samhradh mus till iad a dh'Afraga airson a' gheamhraidh.

Ged a bha lùghdachadh ann am-bliadhna agus an-uiridh, tha oidhirpean glèidhteachais leis an RSPB, buidhnean àireannachd eile, croitearan agus tuathanaich air àireamhan a chur suas bho na 1990an, nuair a bhathas a' cunntadh dìreach 400 eun.