Feum air sgoil ùir san Ath Leathann

Sgoil an Ath Leathainn
Image caption Tha an sgoil a th' ann ann an droch staid, ach tha làrach air a cùlaibh far am faodar sgoil ùr a thogail, a rèir a' Chomh. Hamish Friseal.

Feumar sgoil ùr a thogail san Ath Leathann cho luath 's a ghabhas, a rèir fhir de chomhairlichean an Eilein Sgitheanaich.

Bha Hamish Friseal mu thràth air an sgoil a choltachadh ri taigh chearc, is e a' cumail a-mach gu bheil staid an togalaich a' toirt buaidh air slàinte na cloinne.

Thuirt e gum feum sgoil ùr a bhith ann am plana calpa na Comhairle nuair a thèid fhoillseachadh air an ath-mhìos.

"Tha an sgoil mar a tha i fhèin, a' seasamh an-dràsta, cha robh i riamh dìonach," thuirt Mgr Friseal.

"Tha iad an dèidh airgead mòr mòr a chosg air an sgoil a tha sin, a' feuchainn ri sin a chur ceart anns na bliadhnaichean a chaidh seachad, agus chan eil e ag obair.

"Mar sin 's e an aon rud as fheàrr dhan sgoil a tha sin, 's e a leagail agus sgoil ùr a thogail.

"Agus tha làrach ann air cùl na sgoile a tha sin airson sin a dhèanamh.

"Bhiodh e fada na bu shoirbhe nan robh sin air a dhèanamh fichead bliadhna air ais.

"Ged nach eil an sgoil ach 's dòcha 40 bliadhna de dh'aois aig an ìre a tha seo, tha cosgais mhòr an lùib na sgoile a tha sin anns na bliadhnaichean a th' air a dhol seachad, dìreach a bhith ga cumail dìonach," thuirt e.