Fosglaidh Hospice na Gàidhealtachd às ùr

hospice
Image caption Bidh 9 seòmraichean sìngilte anns an ionad ùr.

Fosglaidh dorsan Hospice na Gàidhealtachd a-rithist air an 17mh dhen t-Samhain.

Tha a' chompanaidh Morrison Construction air a bhith ag obair air an ionad ùr bhon Òg Mhios 2015 nuair a chaidh an t-seann ionad a leagail.

Bhon uairsin tha seirbhisean hospice air a bhith gan toirt seachad le Ospadal Coimhearsnachd Inbhir Ghòrdain.

Bha an t-seann ionad 25 bliadhna a dh'aois, agus cha robh ann ach ceithir seòmraichean sìngilte agus dà uard le trì leapanan 's cha robh mòran rùm ann son teaghlaichean a bha a' tadhal air euslaintich.

Goireasan

Bidh naoi seòmraichean sìngilte anns an ionad ùr agus aon uard le trì leapanan a' fàgail cùisean gu math nas goireasaiche do dh'euslaintich.

Tha na goireasan do luchd-obrach tòrr nas fheàrr cuideachd agus a' freagairt air feumalachdan slàinte an latha an-diugh.

Bidh cothrom aig luchd-dàimh fuireach tron oidhche le euslaintich, agus tha barrachd rùm ann son caraidean is càirdean nuair a tha iad a' tadhal air an ionad.

Thèid seirbhis chomhairleachaidh a thoirt seachad do theaghlaichean a thaobh àm bàis agus an taic a tha dhìth aig an àm dhuilich seo dhaibh.

Seòmraichean sònraichte

Tha seòmar sònraichte ann airson obair-ealain agus tha ionad physiotherapy nas motha ann cuideachd.

Tha cuideachd goireasan bhideo ann airson seirbhisean hospice a thoirt seachad ann an àitean iomallach air a' Ghàidhealtachd.

Thòisich an obair ann an 2015 le £3m agus tha iad air £4.3m eile a thogail son a chur ris an sin leis an taic a' tighinn bho choimhearsnachdan agus gnìomhachasan air feadh na Gàidhealtachd.

Thug Àrd Oifigear Hospice na Gàidhealtachd, Coinneach Steele, taing mhòr dhan a h-uile duine a thug airgead seachad.

'Cha dèanadh sinn an gnothach às an aonais', thuirt e.