Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

27 An Dàmhair 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

GDP

Chuir an Seansalair Philip Hammond fàilte air figearan oifigeil GDP a sheall gun tàinig fàs nas motha na bha dùil, 0.5%, air eaconamaidh Bhreatainn anns an treas cairteal den bhliadhna. Bha sin sìos bho 0.7% anns an dàrna cairteal. Thuirt Mgr Hammond gu bheil eaconamaidh na Rìoghachad Aonaichte fhathast làidir an dèidh na bhòta airson falbh às an Aonadh Eòrpach agus a' dol air adhart dha na còmhraidhean às an tig Brexit gu buil.

Seirbheis na Slàinte

Tha figearan oifigeil ag ràdh nach do ràinig seirbheis na slàinte ann an Alba seachd de na h-ochd targaidean a chuir iad romhpa air a' bhliadhna ionhmais mu dheireadh. Thuirt Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba gu bheil cosgaisean a' sìor èirigh, trioblaid a' fastadh luchd-obrach, agus targaidean airson airgead a chùmhnadh a' sìor chur cuideim air an t-seirbheis. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' cur an àireamh as motha luchd-obrach agus an t-suim airgid as motha a-riamh ris an NHS ann an Alba.

Calais

Thuirt buidhnean cathrannais gun do chuir mu cheud duine-cloinne an oidhche seachad gun fhasgadh no àite anns an caidleadh iad ann an Calais an ceann a tuath na Frainge. Tha oifigich anns an Fhraing ag ràdh gun deach a h-uile duine de na fògarraich a ghluasad às a' champa, ris an canar an Jungle, ann an Calais ach tha buidhnean cathrannais ag ràdh gun deach na ficheadan cloinne fhàgail gun duine a bhuineas dhaibh agus gun àite dhan tèid iad.

Poilis

Tha Poilis Alba den bheachd gum bi iad £17.5m os cionn buidseat air a' bhliadhna ionmhais seo. Thuirt Ùghdarras Poilis na h-Alba gur e cosgais an luchd-obrach an t-adhbhar as motha airson sin ach gu bheil iad a' cumail smachd air. Tha Riaghaltas na h-Alba a' gealltainn gun cùm iad àireamh nan oifigearan poilis os cionn 17,200.

Croitearachd

Chuala coinneamh ann an Steòrnabhagh gu bheil trioblaidean taobh a-staigh Choimisean na Croitearachd a' tarraing aire na buidhne bhon obair anns am bu chòir dhaibh a bhith an sàs. Bha a' chiad choinneamh ann an Steòrnabhagh a-raoir ann an sreath choinneamhan ag iarraidh air daoine seasamh anns an taghadh gu Coimisean na Croitearachd. Thuirt Coinneach MacIllFhinnein, croitear air taobh siar Leòdhais, gu bheil daoine a' call earbsa anns a' Choimisean.

Sgoiltean

Tha droch staid Bhun-sgoil an Àth Leathainn a' toirt droch bhuaidh air slàinte na cloinne, a rèir a' chomhairliche Sgitheanaich Hamish Friseal. Tha esan ag iarraidh air Comhairle na Gàidhealtachd na sgoilearan a tha an-dràsta a' faighinn an teagaisg ann am Portakabin ri taobh na sgoile a ghluasad dhan sgoil fhèin. Thuirt Mgr Friseal gur e sgoil ùr an aon fhreagairt dhan t-suidheachadh anns an Ath Leathann.

Agus thèid beachd an t-sluaigh iarraidh air plana airson bun-sgoil ùr a thogail anns an Lòn Mhòr faisg air Dùn Bheagain agus gearanan ann mu dhroch staid Bhun-sgoil Dhùn Bheagain. Bha Comhairle na Gàidhealtachd am beachd Sgoil Dhùn Bheagain agus trì sgoiltean eile ann an ceann an iar-thuath an Eilein Sgitheanaich a dhùnadh ach thuirt cùirt agus panail ath-sgrùdaidh nan sgoiltean nach fhaodadh iad sin a dhèanamh.

Gearraidhean

Tha a' bhuidheann Youth Highland am measg na tha a' gearan gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd am beachd faisg air £500,000 a ghearradh bhon taic-airgid do bhuidhnean saor-thoileach. Dh'aontaich comhairlichean an-dè gun geàrr iad an t-airgead thairis air trì bliadhna. Tha Youth Highland ag ràdh, ge-tà, gun toir sin buille chruaidh air buidhnean spòrs agus òigridh, gu h-àraid ann an sgìrean dùthchail.