Iomairt ùr airson bàta-slaodaidh

Thèid iomairt ùr a dhèanamh a bhios ag amas air bàta-slaodaidh a stèidheachadh às ùr air an taobh siar.

Tha a' cheist air a bhith fon phrosbaig às ùr bho thàinig an clàr-ola an Transocean Winner air tìr ann an Leòdhas anns an Lùnastal.

Chaidh am bàta-slaodaidh a thoirt air falbh ann an 2012 - a' fàgail aon bhàta a' frithealadh a' chinn a tuath gu lèir.

Tha dragh air luchd-iomairt mu cho fad 's a bheireadh e dhan bhàta sin cobhair a dhèanamh air bàta a bh' ann an èiginn.

Sgudal niuclasach

Am measg na bhios an sàs anns an iomairt ùir, tha buidheann de chomhairlichean bho air feadh Alba a tha an aghaidh chumhachd niuclasaich.

Tha dragh orra-san gu h-àraidh mu mar a tha sgudal niuclasach ga ghluasad à seann ionad Dhùnrath tron Chuan Sgìth.

Tha a' bhuidheann a' cumail a-mach gu bheil uisgeachan a' Chosta an Iar ro chunnartach airson a bhith air am fàgail às aonais bàta-slaodaidh.

Tha iad ag ràdh gu bheil na thachair leis an Transocean Winner, ged nach do dh'adhbhraich an tubaist sin truailleadh air an àrainneachd, na dhearbhadh air sin.

Tuilleadh air an sgeulachd seo