Fios mu ghearraidhean an ceann cola-deug

Comhairle na Gàidhealtachd

Innsidh Comhairle na Gàidhealtachd an ceann cola-deug far an tèid gearraidhean de £26m a dhèanamh ann am buidseat na h-ath-bhliadhna.

Thuirt Stiùiriche Ionmhais an ùghdarrais, Derek Yule, gum faigh iad 4% nas lugha de thaic-airgid bho Riaghaltas na h-Alba.

Bha Mgr Yule a bruidhinn aig coinneimh na làn-Chomhairle ann an Inbhir Nis 's e ag ràdh gum bi am buidseat an ceithreamh cuid nas lugha às dèidh seo.

Tha na dùbhlanaich a' cur cuideim air a' bhuidhinn riaghlaidh innse càite dìreach a bhios na gearraidhean.

"Suidheachadh duilich"

Thuirt an Comh. Alasdair MacFhionghain, a th' air sgioba buidseat an ùghdarrais, gur e suidheachadh gu math duilich a th' aca agus nach eil iad diofraichte bho chomhairlean eile ann an Alba.

"Chan eil sinn a' faighinn an aon airgid bhon Riaghaltas agus feumaidh sinn a bhith a' coimhead air sàbhalaidhean a dhèanamh," thuirt e.

"Aig an ìre seo chan eil sinn a' faighinn ach aonta taic-airgid a mhaireas bliadhna agus bu thoil leinne gum maireadh e trì bliadhna.

"An-dràsta tha sinn a' cluinntinn bho ChOSLA gur e aonta bliadhna a bhios ann agus chan eil sin math dhuinne," thuirt e.

Thuirt Mgr MacFhionghain cuideachd gum feum iad sùil a thoirt air mar a tha a' Chomhairle a' toirt seachad nan seirbheisean aca.

"Tha prògram ath-dhealbhachaidh a' dol an-dràsta agus chì sinn dè na sàbhalaidhean a bhios an sin.

"Feumaidh sinn coimhead air gach seirbheis. Chan fhaod sinn a dhol faisg air buidseat an fhoghlaim ach coimheadaidh sinn air nithean leithid nan rathaidean, gearradh an fheòir agus eile.

"Tha sinn an dòchas gum bi sinn ann an suidheachadh an ceann cola-deug airson fios a bhith againn mu dè bhios sinn a' dèanamh," thuirt e.