Coinneamh ga h-iarraidh air a' bhann-leathann

Càbalan LAN

Bu chòir àrd-choinneamh a chumail airson coimhead air suidheachadh a' bhainn-leathainn air a' Ghàidhealtachd, a rèir fhir de chomhairlichean na sgìre.

Thuirt Ailig Greumach gu bheil an t-seirbheis gu math truagh agus gu bheil e dona fiù 's ann am prìomh bhaile na sgìre, Inbhir Nis.

Tha Mgr Greumach ag iarraidh gun tig buidhnean leithid BT Openreach, Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Riaghaltas na h-Alba agus Ofcom còmhla airson a' chùis a dheasbad.

"Tha mise agus comhairlichean eile ag iarraidh adhartais 's tha mi a' smaoineachadh gu bheil cuid a' gabhail aithreachais nach eil am bann-leathainn a' dol a-mach dha na bailtean air an tuath againn aig an ìre a bu chòir dha a bhith.

"Bu chòir coimhead ri coinneimh far am bi na buidhnean a tha an sàs anns a' ghnothaich timcheall air a' bhòrd còmhla airson bruidhinn mu dheidhinn agus faicinn am faigh iad slighe air adhart airson an suidheachadh a leasachadh," thuirt e.

A' bruidhinn ann an seòmar na Comhairle thuirt Mgr Greumach gu bheil na ceudan de dhachannan ann an Inbhir Nis fhèin nach urrainn bann-leathainn fìor-luath fhaighinn.

"Ma choimheadas tu air figearan BT, tha iadsan ag ràdh gu bheil naoi dachannan anns gach deich ann am Breatainn aig a bheil bann-leathainn fìor-luath.

"Chan eil mi ag ràdh gu bheil iad ceàrr ach tha sin a' fàgail an t-uabhas de dhachannan às aonais, gu h-àraidh ann an ceann a tuath na h-Alba," thuirt e.