Heroin air fhaighinn an Inbhir Nis

Chaidh aithisg a chur gu Neach-Casaid a' Chrùin mu fhireannach, 23, às dèidh mar a chaidh fhaighinn le heroin ann am meadhan Inbhir Nis.

Chaidh drogaichean cuideachd fhaighinn aig seòladh ann an sgìre Caisteal Leathoir den bhaile.

Nochdaidh an duine ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis a-rithist.

Nochd boireannach, 37, anns a' chùirt Diciadain fo chasaid gun robh heroin, anns am biodh luach £2,400 air an t-sràid, aice.