Gearan mu Fhearghas Ewing

Fearghas Ewing
Image caption Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun lean uallach airson croitearachd air Mgr Ewing fhad 's a tha iad a' rannsachadh na cùise.

Dhearbh Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad air gearain fhaighinn mun mhinistear le uallach na croitearachd, Rùnaire na h-Eaconomaidh Dùthchail Fearghas Ewing.

Tha Fear-Gairm Choimisean na Croitearachd, Cailean Ceanadach, a' fàgail air Mgr Ewing gun do bhris e Còd nam Ministearan.

Thuirt neach-labhairt bho Riaghaltas na h-Alba gun lean uallach airson croitearachd agus a' Choimisein air Mgr Ewing fhad 's a thathas a' dèiligeadh ris a' ghearan.

Tha Cailean Ceannadach air a bhith fo ìmpidh a dhreuchd fhàgail às dèidh a' bhuairidh mu chomataidh-ionaltraidh Chuil Uaraich ann an Leòdhas.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile