Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

28 An Dàmhair 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

RBS

Bha call faisg air £0.5bn air Banca Rìoghail na h-Alba anns na trì mìosan dhan t-Sultain. Thuirt RBS, a bhuineas anns a' mhòr-chuid dhan Stàit, gu bheil prothaidean bunaiteach làidir ach gu bheil iad fhathast a' fulang le dìleab nan trioblaidean a bha aca, a leithid airgead-dìolaidh a phàigheadh do dh'fheadhainn a phàigh airson àrachas PPI air nach robh feum aca.

Brexit

Chuir an Àrd-Chùirt ann am Béal Feirste às do thagradh an aghaidh Brexit. Bha luchd-lagha agus luchd-poilitigs ag argamaid gum bu chòir bhìoto a bhith aig Èirinn a Tuath air fàgail an Aonaidh Eòrpaich leis gun do bhòt 56% an sin airson fuireach anns an EU. Ach thuirt britheamh an-diugh nach eil dad ann an Aonta Sìth na Ceusta a tha a' ciallachadh nach fhaod Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte Artaigil 50 a chur an sàs.

Creideas Coitcheann

Dh'iarr seann Rùnaire na h-Obrach agus nam Peinnsean, Iain Donnchadh Mac a' Ghobhainn, air a' Phrìomhaire cur às do phlana airson gearraidhean anns a' Chreideas Choitcheann, an siostam shochairean a chuir e fhèin air bhonn. Tha esan ag ràdh gun cuir atharrachadh cosgais ro mhòr air daoine a tha a' dol gu cosnadh an dèidh a bhith a' faighinn shochairean.

NFU

Tha ceannardan nan tuathanach an Alba ag ràdh gum bu chòir subsadaidh, a tha a' dol a Shasainn an-dràsta, tighinn a dh'Alba aon uair 's gum fàg Breatainn an t-Aonadh Eòrpach. Tha coinneamh bhliadhnail an NFU an Alba, ann am Peairt, a' deasbad plana a tha aca an àite sgeamaichean subsadaidh an EU.

Poilis

Tha Poilis a tha a' rannsachadh oidhirp air dithis oifigear poilis a mhurt le bualadh annta le càr air dealbhan fhoillseachadh den duine a tha fo amharas. Thug na Poilis rabhadh dhan mhòr-shluagh gun a dhol faisg air Dàibhidh MacIllEathain, à Glaschu, a tha 30 bliadhna de dh'aois, agus iad ag ràdh gum faodadh e a bhith cunnartach.

Crìonadh Sluaigh

Thuirt Fear-Gairm Chomhairle nan Eilean Siar gum feum an t-ùghdarras oidhirp shònraichte a dhèanamh air teaghlaichean òga, agus feadhainn a tha an dùil teaghlach a bhith aca, a chumail anns an sgìre. Tha rannsachadh ùr ag ràdh gum bi crìonadh de 14% ann an àireamh sluaigh nan Eilean anns a' 25 bliadhna ri tighinn agus tha Tormod Dòmhnallach ag ràdh gum feum an Riaghaltas an cuideachadh. Cumaidh a' Chomhairle co-labhairt air a' chùis air an ath-mhìos.