Rabhadh mu fhèidh air na rathaidean

Fiadh Image copyright bbc
Image caption Tha fèidh nan cunnart air rathaidean an taobh siar.

Tha SNH a' toirt rabhadh mun chunnart bho fhèidh air na rathaidean 's na gleocaichean a' dol air ais uair de thìde Là na Sàbaid.

Thèid rabhaidhean a chur suas air grunn rathaidhean air an taobh siar agus an iar-thuath - leithid an A9, an A82 agus an A835.

Bidh mu 7,000 tubaist le fèidh air rathaidhean na h-Alba gach bliadhna, agus tha dùil gu bheil seo a' cosg mu £7m dhan eaconamaidh eadar an call air carbadan agus a thaobh na tha de dhaoine gan goirteachadh annta.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile