Leasachadh ann an Hiort

Seann toglach an MoD ann an Hiort Image copyright bbc
Image caption Bheireadh an obair-leasachaidh dà bhliadhna

Chaidh cead-dealbhachaidh iarraidh airson seann ghoireasan Mhinistrealachd an Dìon ann an Hiort a leasachadh.

Tha làrach air a bhith aig an MoD ann an Hiort bho 1957.

Thèid na togalaichean a thogail gu h-àrd gus nach bi uidhir a bhuaidh aca air coltas an àite.

Thèid togalaichean a chaidh a chuir suas anns na 1960an a leagail.

"Seasmhach"

Thuirt Urras Nàiseanta na h-Alba, a tha a' ruith an eilein còmhla ris an MoD, gum biodh an leasachadh seasmhach agus freagarrach dhan àite.

Ma bheir Comhairle nan Eilean Siar cead dhan na planaichean, tha dùil gun toir an obair-togail mu dhà bhliadhna.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile