Fèill mhòr air Etape Loch Nis

Etape Loch Nis Image copyright Tim Winterburn

Chaidh gach àite a bha ri fhaotainn airson rèis bhaidhseagal Etape Loch Nis na h-ath bhliadhna a reic san uair a bu luaithe riamh.

A dh' aindeoin 's gu robh barrachd àitean ann na bha am bliadhna, bha iad uile air an lìonadh ann an dìreach 50 uair de thìde.

Dhan fheadhainn a chaill a mach, tha cothrom aca fhathast pàirt a ghabhail san rèis ma chuireas iad taic ris a' charthannas Buidheann Taic Aillse Mhic a' Mhaoilein.

Tha àireamh bheag de dh' àitean air an glèidheadh do luchd-baidhseagal a tha deònach co-dhiù £100 a thogail dhan a' charthannas.

'S ann air Là na Sàbaid an 23mh dhen Ghiblean a bhios rèis na h-ath bhliadhna.

"A' fàs"

Thuirt Stiùiriche Etape Loch Nis, Calum Mac an t-Sutharlanaich, gu bheil coimhearsnachd an luchd-baidhseagail air ùidh mhòr a nochdadh san rèis bho chaidh a' chiad tè a chumail ann an 2014.

"Leis gun robh an t-iarrtas cho mòr airson an Etape mu dheireadh, thug sinn àrdachadh air an àireamh de dh'àitean airson 2017 agus tha e dìreach iongantach gun deach an rèic nas luaithe na rìamh roimhe," thuirt e.

Thuirt Ceannard EventScotland Stiùbhart Turner, "Chan eil e na iongnadh gu bheil Etape Loch Nis a' fàs gach bliadhna air sgàth 's gu bheilear ga chumail ann an tè dhe na sgìrean 's bòidhche ann an Alba."

Tha Etape Loch Nis a' tòiseachadh ann an Inbhir Nis agus a' dol sìos ceann a tuath an loch, seachad air Caisteal Urchadain agus sìos a' Chille Chumein.

Tha an t-slighe an uair sin a' tionndadh gu ceann a deas an loch agus suas air ais gu prìomh bhaile na Gàidhealtachd.