Àireamh nan traon air tuiteam
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Airson an dàrna bliadhna, tha àireamh nan traon air tuiteam

28 An Dàmhair 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Airson an darna bliadhna, tha àireamh nan traon air tuiteam.

Tha an àireamh a tha tilleadh a dh'Alba airson neadachadh fhathast gu math nas fhallaine na bha e aig toiseach nan 90an ge-tà.

Chuidich sgeamaichean glèidhteachais gu mòr ris an sin, ach tha dragh ann nan tigeadh sin gu crìch gun tuiteadh na h-àireamhan gu sgiobalta a-rithist.