"Tòrr ri dhèanamh" a thaobh àireamh sluaigh

Sreath dhaoine
Image caption Tha dùil ri àrdachadh mòr anns na tha de sheann daoine anns na h-Eileanan Siar.

Thuirt BPA nan Eilean Siar gu bheil làn-fhios aig Riaghaltas na h-Alba gum feum iad mòran a dhèanamh 'son daoine a chumail anns na h-Eileanan.

Bha Alasdair Allan a' bruidhinn an dèidh tomhas gun tuit àireamh sluaigh nan Eilean Siar mu 4,000 thairis air an 20 bliadhna a tha romhainn.

Thuirt e cuideachd, a bharrachd air òigridh a thàladh agus a chumail, gum bi pàirt aig daoine a tha a' gluasad dha na h-Eileanan ann an ath-nuadhachadh na h-eaconamaidh.

A thuilleadh air tuiteam 4,000 san àireamh sluaigh, tha dùil gun tuit an àireamh de chloinn fo 15 bliadhna de dh'aois anns na h-Eileanan faisg air an treas cuid, gun tuit àireamh an luchd-obrach an còigeamh cuid, agus gun èirich àireamh nam peinnseanairean 10%.

Fàilte

Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba àireamhan aig deireadh na seachdainn a bha a' sealltainn na buannachd a bha daoine a bh' air gluasad a-steach a dh'Alba bho Thìr-Mòr na h-Eòrpa a' toirt dhan eaconamaidh.

Thuirt an Riaghaltas gum feum cothrom a bhith aig na daoine sin cumail orra a' tighinn às dèidh do Bhreatainn an t-Aonadh Eòrpach fhàgail.

Thuirt Mgr Allan gur e barrachd dhaoine a' gluasad a-steach dha na h-Eileanan Siar a tha fhathast ag obair no a' cruthachadh ghnothachasan pàirt de fhreagairt ceist na h-àireimh sluaigh.

"Sin pàirt den fhreagairt a th' ann, gu cinnteach," thuirt Mgr Allan.

"Anns na h-Eileanan tha e gu math soilleir gu bheil daoine a' cur fàilte air na daoine a tha a' tighinn a-steach agus a' gabhail pàirt fheumail anns a' choimhearsnachd.

"Chan e an aon fhreagairt a th' ann. Tha tòrr rudan eile a dh'fheumas sinn a bhith a' dèanamh a dhèanamh cinnteach gu bheil na h-obraichean ann.

"Pàirt den fhreagairt, 's e sin gnìomhachasan ùra, agus tha e gu math soilleir gu bheil daoine bhon Roinn Eòrpa, mòran dhiubh, a' dèanamh dìreach sin," thuirt e.

'S iomadh duine aig aois obrach a th' air tighinn dha na h-Eileanan Siar bho Thìr-Mòr na Roinn Eòrpa, le mòran aca ag obair anns an iasgach, giollachd èisg, taighean-òsta agus ann an seirbheis na slàinte.

Tha cuid aca air tòiseachadh ag obair air an ceann fhèin.

"Tha an gnothach a' sìor dhol am meud. Tha mi a' faighinn barrachd is barrachd dhaoine cuideachd bhon Taobh Siar," thuirt Sabine Weiten, bana-Ghearmailteach a dh'fhosgail Stòr Teatha Innse Gall ann an Steòrnabhagh.

"So an dèidh trì bliadhna thug iad an aire air an Taobh Siar gu bheil mi an seo ann an Steòrnabhagh.

"Tha barrachd is barrachd de mhuinntir an àite a' tighinn chun na bùtha 's a' feuchainn nan teathannan - chan e a-mhàin na pòsaidhean agam fhèin, ach cuideachd an fheadhainn eile - agus tha iad gu math toilichte.

"Cuideachd daoine a' tighinn às na Hearadh, agus na h-eileanan eile cuideachd.

"Tha e a-niste a' dòl sìos Innse Gall air fad, mar a bha mi a' miannachadh.

"Tha iad ag òrdachadh tron phost, no a' tighinn ann nuair a thig iad a Steòrnabhadh a dhol dha na bùithdean."

Cumaidh Comhairle nan Eilean Siar coinneamhan an ath-sheachdain a bheachdachadh air na ghabhas dèanamh airson feuchainn ri fàs a thoirt air àireamh an t-sluaigh, agus gu h-àraid na tha a' tighinn agus a' fuireach de dh'òigridh.

Tha dragh air a' Chomhairle nach bi òigridh gu leòr anns na h-Eileanan a dh'aithghearr a chumas seirbheisean a' dol, gu h-àraid seirbheisean dha seann daoine, leis na h-àireamhan acasan a' dol a dh'èirigh.

Ceanglaichean conaltraidh

Thuirt Ceannard na Comhairle, Aonghas Caimbeul, gum feum an Riaghaltas ann an Dùn Èideann agus ann an Lunnainn barrachd a dhèanamh airson gnìomhachas anns na h-Eileanan Siar a leasachadh.

"Tha tòrr ri dhèanamh fhathast airson bun-structair nan eilean, agus an eaconamaidh a th' againn," thuirt Alasdair Allan.

"Tha tòrr a' tachairt an-dràsta a dhèanamh cinnteach gu bheil ceanglaichean conaltraidh nas fheàrr againn, 's gu bheil bann-leathann nas fheàrr againn air feadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

"Anns an àm ri teachd cha bhi daoine ag obair no a' tòiseachadh ghnìomhachasan ùra ann an sgìre far nach eil bann-leathann math ann.

"Tha sin faisg air cridhe na ceiste tha mi a' creidsinn, ach a bharrachd air sin feumaidh sinn a bhith a' dèanamh cinnteach gu bheil còmhdhail ceart gu leòr, agus cuideachd gu bheil cothroman ann airson obraichean ùra agus taighean ùra.

"So tòrr ri dhèanamh anns an àm ri teachd.

"Ach pàirt den fhreagairt, 's e a bhith a' dèanamh soilleir gu bheil fàilte chridheil air daoine a tha a' gluasad a-steach," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo