Gàradh Àird nan Saor air a reic

Chaidh seann gàradh ola Àird nan Saor a reic ann an aonta luach còrr air £5m.

Chaidh an làrach a chur air a' mhargaid nuair a chaidh a' chompanaidh leis an robh e ann an rianachd.

Bhathas a' gabhail Port Àird nan Saor air agus bhathas an dòchas a mhargaideachd mar àite anns am b' urrainn do chompanaidhean a bha airson tuathan-gaoithe a thogail iad fhèin a stèidheachadh.