Ceist chriutha iasgaich ga togail

Thèid coinneachadh le Ministear na h-Inimrich aig Westminster, Raibeart Goodwill, gus fuasgladh fhaighinn do shuidheachadh a tha a' fàgail cuid de bhàtaichean iasgaich nan Eilean Siar ceangailte aig acarsaid.

Chan eil na bàtaichean a' dol gu muir an dèidh mar a chaidh luchd-obrach à dùthchannan cèine a thionndadh air falbh air sgàth laghan inimrich.

Tha BP nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNìll, am measg na tha a' moladh sgeama ùir a bhiodh ga stiùireadh aig ìre ionadail tro chomainn iasgairean.