Seachdain Ghriomasaigh

Clòimh Uibhist
Image caption Bidh taisbeanadh de dh'obair Chloimh Uibhist a-measg na bhios ri fhaicinn

Tha taisbeanaidhean, bùithdean-obrach agus cuairtean am measg na tha a' dol ann an Griomasaigh 's a' chiad Sheachdain Ghriomasaigh ga comharrachadh air an eilean.

Tha cothrom aig muinntir an àite sùil a thoirt air pròiseactan agus gnìomhachasan air an eilean, is tha bùithdean-obrach ann co-cheangailte ri dualchas.

'S e fearann agus cànan cuspair na seachdain.

Tha Linda NicLeòid ag obair na h-Oifigear Leasachaidh aig Comann Coimhearsnachd Ghriomasaigh 's thuirt i gun robh iad airson sealltainn do dhaoine na tha a' dol air an eilean agus an t-ionad ùr aca fhèin a taisbeanadh.

"Tha leithid de bhuidhnean air an eilean fhèin ... eadar can far a bheil iad a' togail nam bàtaichean, Kallin Shellfish fhèin, Clòimh Uibhist, Blackland Centre cuideachd agus iomadach rud a tha a' tachairt air an eilean - dìreach a thoirt còmhla 's beagan sanasachd a dhèanamh".

Muinntir an eilein

Chan eil dùil gum faicear mòran luchd-turais aig na tachartasan ach tha Linda NicLeòid ag ràdh nach b' ann air luchd-turais a bha iad ag amas le bhith gan cur air dòigh.

"Thagh iad an t-àm seo den bliadhna gu sònraichte - bha iad a' smaoineachadh air ais air nuair a bhiodh là nam bàtaichean aig Griomasaigh anns a' Chèitean agus, ged nach robh seusan an luchd-turais air tòiseachadh ceart an uair sin, bha an t-àite trang le muinntir an àite mar gum biodh".

Thagh iad àm den bhliadhna anns na bi uimhir a' dol.

"An t-àm seo den bhliadhna tha cùisean air socrachadh, tha an uair air a dhol air ais a-nis 's tha na h-oidhcheannan beagan nas fhaide - dìreach rudeigin a bhith ann dha na daoine 's tha mi a' smaoineachadh gum bi e soirbheachail".

Bha cothrom aig daoine ionnsachadh mu bhith a' clàradh bheul-aithris leis an Dotair Mairead Bennett agus bidh clàraidhean bhon BhBC agus tasglann Chomann Coimhearsnachd Ghriomasaigh rin cluinntinn ann an ionad a' Chomainn.