Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

2 An t-Samhain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Baile Dhubhthaich

Thuirt na Poilis gun deach saighdear a mharbhadh ann an eacarsaich trèanaidh aig ionad Feachd an Adhair ann am Baile Dhubhthaich. Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginn mu 6:00f a-raoir. Tha oifigearan a' rannsachadh na thachair. Thuirt iad gun deach innse do theaghlach an duine a bhàsaich.

Mosul

Tha saighdearan Ioracach a th' air Mosul a ruighinn a' gluasad bho thaigh gu taigh ann an oidhirp smachd fhaighinn air reubaltaich IS a th' air a bhith a' ruith a' bhaile o chionn dà bhliadhna. Chaidh aithris gu bheil an droch shìde a' cur bacaidh air an iomairt ge-tà. Bhruidhinn luchd-naidheachd a' BhBC ri cuid anns a' bhaile a thuirt gun robh eagal am beatha orra. Thuirt aona bhoireannach nach tàinig i a-mach às an taigh ach aona triop thar an dà bhliadhna mu dheireadh.

Brexit

Tha Seansalair na Gearmailt Angela Merkel a-rithist air innse nach tèid gèilleadh a thaobh saorsa gluasaid do luchd-obrach anns an Aonadh Eòrpach mar phàirt de dh'aonta Brexit sam bith. A' bruidhinn ann am Berlin, thuirt i gun robh i fhèin agus luchd-comhairleachaidh eaconamach na Gearmailt iomagaineach dha-rìribh mu dheidhinn Brexit. Thuirt i gun robh e deatamach càirdeas math a chumail le Breatainn ach nach robh e comasach dhaibh gabhail ri dìreach na poileasaidhean as fheàrr a tha a' freagairt orra fhèin.

Amnesty Eadar-nàiseanta

Tha aithrisean às an Ruis ag ràdh gun deach oifisean Amnesty Eadar-nàiseanta a dhùnadh le luchd-oifigeil agus gun deach stad a chur air an luchd-obrach o dhol a-steach dhan togalach. Thairis air na bliadhnaichean mu dheireadh, tha cùisean air a bhith air leth duilich do bhuidhnean nan còirichean daonna a th' air càineadh a dhèanamh air a' Khremlin anns an Ruis.

Dol-a-mach Mì-iomchaidh

Bidh buill a' bhòtadh aig Holyrood feasgar an-diugh air gluasad a' cur ìmpidh air an Riaghaltas cur às dhan achd a bha ag amas air dol-a-mach mì-iomchaidh aig geamannan ball-coise a lùghdachadh. Tha dùil gun tèid na pàrtaidhean dùbhlanach còmhla ann an oidhirp làmh-an-uachdair fhaighnn air an SNP, a tha a-nis ann am beag-chuid anns a' Phàrlamaid. Ged nach fheumadh an Riaghaltas cur às dhan achd ri linn bhòt an là an-diugh, tha dùil gun cuireadh e ìmpidh orra sùil às ùr a thoirt air a' chùis.