Eisimpleir Lochlannach do NHS na Gàidhealtachd?

Ospadal

Chaidh iarraidh air NHS na Gàidhealtachd coimhead ri seirbheisean màtharail ann an sgìrean iomallach nan dùthchannan Lochlannach agus an Canada mar mhodail airson sgìrean dùthchail na Gàidhealtachd.

Tha an t-iarrtas a' tighinn bho luchd-iomairt ann an Gallaibh a tha gu math mì-thoilichte mu staid sheirbheis na slàinte aca.

Tha dùil gum bi coinneamh ann a dh'aithghearr le Rùnaire na Slàinte mu dheidhinn.

Aig an ìre seo, feumaidh boireannach sam bith a tha a' faighinn leanaibh airson a' chiad uair, no ma tha càil sam bith neo-àbhaisteach mun t-suidheachadh aice, a dhol a dh'Inbhir Nis airson an leanabh a bhreith.

Mnathan-glùine

"Mura bheil sin ri fhaotainn anns an ospadal seo aig a' mhionaid a tha seo, nuair a tha feum air, carson a bu chòir do dhuine sam bith a dhol còrr air 100 mìle gu Ospadal an Ràthaig Mhòir?" thuirt Cairistiona Stone, a tha a' fuireach an Gallaibh 's a tha a' cur taic ris an luchd-iomairt.

"Chan eil sin ceart.

"Tha na seirbheisean air fàs nas lugha.

"Chan eil uiread timcheall 's a bha a thaobh taic, a thaobh cùraim slàinte agus a thaobh dìreach seirbheis slàinte san t-siorrachd a tha seo.

"Tha e a' dol sìos, agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil a h-uile duine ag aontachadh gur e sin an staid anns a bheil sinn an-dràsta," thuirt i.

Chan eil NHS na Gàidhealtachd ag aontachadh.

Thuirt a' bhuidheann gu bheil iad a' gabhail ris gu bheil duilgheadasan ann, ach chan eil iad idir ag aithneachadh ghearainnean luchd-iomairt Ghallaibh.

Tha an aon shuidheachadh aig màthraichean ann an sgìrean eil den Ghàidhealtachd, leithid an Eilein Sgitheanaich, agus boireannaich an eilein gu tric a' dol a dh'Inbhir Nis airson pàiste a bhith aca.

Tha muinntir Ghallaibh a-niste ag iarraidh air NHS na Gàidhealtachd agus Riaghaltas na h-Alba sùil a thoirt air mar a tha sgìrean iomallach ann an dùthchannan eile a' dèiligeadh ri seirbheisean màtharail.

Tha BPA na sgìre, Gail Ros, air sgrùdadh a dhèanamh air suidheachadh nan dùthchannan Lochlannach agus cuideachd Canada, agus i ag ràdh gu bheil dùthchannan eile a' làimhseachadh na cùise tòrr nas fheàrr.

Tha ise ag ràdh gu bheil an sgrùdadh aice air faighinn gu bheil seirbheisean mhnathan-glùine ceart aig na dùthchannan sin ann an sgìrean dùthchail, 's nach eil iad a' toirt air màthraichean a dhol dhan bhaile mhòr.

"Tha sinn air a bhith a' coimhead ri cùisean ann an Lochlann, agus cuideachd ann an Canada," thuirt i.

"Tha iad gu math soirbheachail le ionadan air an stiùireadh le mnathan-glùine thall an sin.

"Ach feumaidh ceist a bhith ann, ma tha sinn a' dol a ghluasad gu ionad air a stiùireadh le mnathan-glùine ann an Gallaibh, ma 's e sin toradh an sgrùdaidh nàiseanta, feumaidh sinn eòlas iomlan a bhith againn air na tha sin a' ciallachadh.

Roghainn

"Na tha e a' ciallachadh a thaobh cùraim lannsa; na tha e a' ciallachadh a thaobh ghnothaichean meidigeach bhoireannach eile a tha rim faotainn ann an Ospadal Ghallaibh."

Tha a' Bh.Ua. Ros a-niste ag iarraidh air NHS na Gàidhealtachd sùil mhionaideach a thoirt air an t-suidheachadh anns an Danmhairg, san t-Suain, ann am Fionnlann agus an Canada.

Dh'iarr i cuideachd conneamh le Rùnaire na Slàinte, Shona Robison, 's tha i an dòchas coinneachadh rithe a dh'aithghearr.

Dhan luchd-iomairt ann an Gallaibh, chan eil e sàbhailte a bhith a' toirt air daoine siubhal a dh'Inbhir Nis ann an èiginn, ann an cuid de shuidheachaidhean.

"Chan eil roghainn anns a' chùis," thuirt Cairistiona Stone.

"Feumaidh a h-uile duine a th' anns an t-suidheachadh a tha sin a dhol a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir.

"Chan eil càil a' dol ceàrr, ach cò a tha ag ràdh nach tèid rudeigin ceàrr, agus gum biodh e tòrr na b' fheàrr nam biodh an leanabh a tha sin air a bhreith aig an taigh, mar gum biodh."