Saighdear air ainmeachadh

Joe Spencer Image copyright MoD/Crown Copyright
Image caption Bha Joe Spencer na Lance Corporal anns an Treas Batalian na Raidhfilean.

Dh'ainmich Ministrealachd an Dìon an saighdear a chaidh a mharbhadh aig raon-loisgidh faisg air Baile Dhubhthaich air taobh sear Rois Dimàirt.

B' e Lance Corporal Joe Spencer, bhon Treas Batalian na Raidhfilean.

Thuirt Rùnaire an Dìon, Marc Lancaster: "Tha mo smuaintean le teaghlach Joe, le a charaidean agus le a cho-obraichean aig an àm uabhasach seo.

"Tha sinn ag obair còmhla ris na Poilis anns an rannsachadh aca air na dh'adhbhraich a bhàs."

Tuilleadh air an sgeulachd seo