Prothaidean Loganair sìos

Plèana Loganair

Dh'innis a' chompanaidh adhair Loganair gun tàinig lùghdachadh cha mhòr 50% air na prothaidean aca sa bhliadhna ionmhais mu dheireadh.

Thuirt iad, ge-tà, gu bheil ìre nan seirbheisean air tighinn air adhart anns na mìosan a chaidh seachad.

'S e Loganair a tha a' ruith sheirbheisean adhair chun na Gàidhealtachd 's nan Eilean às leth na companaidh Flybe.

Tha iad a-nise air an aithisg bhliadhnail aca fhoillseachadh, is i ag innse gun do rinn Loganair prothaid de £3.6m sa bhliadhna gu deireadh a' Mhàirt.

Bha sin sìos bho £7.08m ann an 2015.

Prìs na h-ola

Thuirt Loganair gun tug crìonadh ann an gnìomhachas na h-ola agus a' ghas buaidh orra.

Dh'aidich iad cuideachd, ge-tà, gun robh "dùbhlan mòr" aca tron bhliadhna le trioblaidean teicnigeach a' cur bacadh air na seirbheisean aca.

Bha gearanan gu leòr ann bho luchd-siubhail gun robh dàil tric air seirbheisean Loganair, no gun robh iad gan cur dheth buileach.

Thog aonadh nam poidhleatan, BALPA, dragh ann an 2015 gun robh roinn-innleadaireachd na companaidh ann an "suidheachadh èiginneach".

A rèir nam poidhleatan, bha dùbhlan ro na h-innleadairean plèanaichean a tha a' fàs aosda a chumail aig an ìre a bu chòir.

Trèanadh

Dh'innis Loganair san aithisg ùir gun do chaill iad grunn innleadairean is gun tug e ùine feadhainn ùra a thrèanadh.

Dh'aidich cathraiche na companaidh, Dàibhidh Harrison, nach do ràinig seirbheisean an ìre a bha luchd-siubhail a' sùileachadh.

Thuirt e gu bheil làn sgioba de dh'innleadairean aca a-nise, is gu bheil ìre na seirbheis air tighinn air adhart tron bhliadhna.

Dh'innis Mgr Harrison gu bheil 86% de sheirbheisean a-nise a' ruith a rèir a' chlàir-ama, suas bho 79% bho chionn bliadhna.

Dhearbh e cuideachd gun deach an àireamh de sheirbheisean a bh' air an cur dheth, no air an robh dàil, sìos an dà thrian.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile