Taic làidir do lagh seacaid-shàbhalaidh

Bàta-iasgaich

Chuir Rùnaire Chomann Iasgairean nan Eilean Siar taic làidir ri moladh gus lagh ùr a stèidheachadh a bheireadh air iasgairean seacaidean-sàbhalaidh a chur orra nuair a tha iad aig muir.

Thàinig am moladh bho Bhuidheann Sgrùdaidh nan Tubaistean Mara, an MAIB, is iad air sgrùdadh a dhèanamh air tubaistean anns an do chaill ceathrar iasgairean am beatha.

Nam measg, bha Gerard MacIllÌosa, 42, à Bhatarsaidh is Craig Reid, 25, à Inbhir Nis.

Mhol Buidheann na Mara is nam Maor-Cladaich lagh roimhe a bheireadh air iasgairean na seacaidean a bhith orra fad na h-ùine.

Tha an MAIB ag ràdh gum bu chòir lagh den leithid a-nise a thoirt air adhart cho luath sa ghabhas.

Piseach

Thuirt Caidreachas Iasgairean na h-Alba nach eil iadsan uile gu lèir cinnteach gun toireadh lagh ùr piseach air sàbhailteachd.

Chaidh Rùnaire Chomann Iasgairean nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais, às àicheadh sin.

Thuirt e nach eil e a' tuigsinn carson nach eil sgiobairean a' toirt air iasgairean na seacaidean a chleachdadh.

"Tha na seacaidean air bòrd a h-uile eathar", thuirt Mgr MacAonghais.

"S aithne dhomhsa, tarsainn air na bliadhnaichean, iomadach iasgair anns na h-Eileanan an Iar a tha air am beatha a chall, is chanainn gu bheil còrr math air an darna leth aca a bhiodh beò fhathast nam biodh seacaid-sàbhalaidh air a bhith orra is iad air a bhith ga cleachdadh bho là gu là.

"Aon uair sa dheadh an lagh sin a-mach, dhèanadh e an gnìomhachas tòrr mòr nas sàbhailte is bhiodh iomadach duine anns na bliadhnaichean ri tighinn nach biodh a' call am beatha", thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile