Dìon air HIE

HIE Image copyright HIE
Image caption Tha dragh air Ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd gum biodh buidhean-stiùiridh ùr nàiseanta ro mhor

Tha Ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd draghail gun tèid feumalachdan na sgìre a dhìochuimhneachadh ma thèid an Riaghaltas air adhart le planaichean airson atharrachadh a thoirt air stiùireadh na buidhne leasachaidh Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Tha Riaghaltas na h-Alba a' moladh cur às de bhòrd HIE agus bòrd-stiùiridh ùr nàiseanta a stèidheachadh airson obair Iomairt na h-Alba agus HIE a cho-òrdanachadh.

Bhiodh am bòrd ùr cuideachd os cionn obair nam buidhnean Sgilean na h-Alba agus Comhairle Mhaoineachaidh na h-Alba.

Gheall iad gun deadh seirbheisean a tha gan toirt seachad anns a' cheann a tuath a dhìon.

"Ro mhòr"

Tha Mairead Davidson ag ràdh ge-tà gum biodh bòrd-stiùiridh nàiseanta ro mhòr agus nach deadh feart a thoirt air feumalachdan a' chinn a tuath.

Thuirt i gu bheil e riatanach gur e daoine a tha a' tuigsinn suidheachadh sònraichte na Gàidhealtachd 's nan Eilean a bhios air bòrd na buidhne-leasachaidh, seach daoine a tha a' fuireach na ceudan mhìltean air falbh.

Tha an Riaghaltas ag ràdh ge-tà gur ann a bhrosnaicheadh an structar ùr barrachd co-obrachaidh eadar na diofar bhuidhnean.

Thog fear-gairm Chomhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, dragh roimhe mun mholadh 's e ag ràdh gum feumadh an Riaghaltas dearbhadh nach e oidhirp a bh' ann, cumhachd a chàrnadh ann am meadhan na h-Alba.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile