Naidheachdan 11:00
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00

4 An t-Samhain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cluaidh

Thàinig dearbhadh bhon MOD gun tòisich obair air Cluaidh an ath-bhliadhna air ochd bàtaichean-cogaidh ùra a thogail dhan Chabhlach Rìoghail. Tha luach £2b sa chùmhnant agus cumaidh e na gàrraidhean aig Baile Ghobhainn agus Scotstoun a' dol chun na bhliadhna 2035. 'S iad frigates a bhios air an togail - ach dh'fhaodadh cuideachd gun tèid dà bhàta-faire a thogail cuideachd. Tha an t-aonadh ciùird an GMB ag ràdh, ge-tà, nach eil an cùmhnant a' coileanadh na bha air a ghealltainn ron referendum air neo-eismealachd na h-Alba ann an 2014.

Brexit

Tha dùil gum bi am Prìomhaire, Theresa May, a' bruidhinn ri Ceann-suidhe a' Choimisein Eòrpaich, Jean Claude Junker, tron là an-diugh 's i ag ràdh gu bheil i fhathast an dùil am pròiseas foirmeil airson Breatainn a thoirt a-mach às an EU a thòiseachadh ron Mhàirt an ath-bhliadhna. Thàinig riaghladh bhon chùirt an-dè nach eil cead aca am pròiseas sin a thòiseachadh as aonais taic na Pàrlamaid. Tha dùil, ge-tà, ri ath-thagradh bhon Riaghaltas.

Jungle

Thòisich poilis anns an Fhraing air iomairt gus campa de dh'fhògarraich faisg air aon de phrìomh stèiseanan rèile Pharis a bhristeadh suas. Tha an àireamh dhaoine a tha air a bhith a' fuireach ann an teantaichean faisg air stèisean Gare du Nord air a dhol am meud gu mòr bho chaidh campa an Jungle faisg air Calais a dhùnadh. Chaidh na daoine a thoirt ann am busaichean gu ionadan air oir a' phrìomh bhaile.

Loganair

Thàinig lùghdachadh mòr air prothaidean na companaidh adhair Loganair suas gu deireadh a' Mhàirt bho £7m gu nas lugha na £3.5m. Thuirt iad gun robh gainnead luchd-obrach teicnigeach tric air dàil a chur air seirbheisean bho chionn ghoirid, ach gun robh iad a-nis air grunnan a bharrachd dhuibh fhastadh. Chaidh a' choire airson an lùghdachadh ann am prothaidean a chur cuideachd air a' chrìonadh ann an gnìomhachas na h-ola sa ghas.

Pàrlamaid na h-Alba

Chaidh luchd-iomairt a th' air a bhith a' campachadh taobh a-muigh Pàrlamaid na h-Alba a ghluasad far na làraich. Chaidh ìmpidh a chur air an luchd-iomairt gluasad an dèidh breithneachadh cùirte air a' mhìos a chaidh. Tha a' bhuidheann ag ràdh nach d'fhuair iad èisdeachd cheart thuige seo, agus dh'arr iad ath-thagradh a dhèanamh ann an Lunnain.

UKIP

Agus tha aon de na tagraichean a tha a' seasamh airson ceannas a' phàrtaidh UKIP air tarraing a-mach às an rèis a tha sin. Thuirt Peter Whittle gun cuir esan a thaic ri Paul Nuttall seach a bhith a' seasamh e fhèin.