May gus bruidhinn mu Bhilly Irving

Billy Irving

Thathas an dùil gum bruidhinn am Prìomhaire mu fhear às Earra-Ghàidheal a tha sa phrìosan ann an Chennai nuair a choinnicheas i ri Prìomhaire nan Ìnnseachan, Narendra Mohdi.

Chaidh Billy Irving, a bhuineas dhan Choingheal faisg air an Òban, agus an còignear eile a chur an grèim san Dàmhair 2013 fo chasaid nach robh na gunnaichean a bh' air bòrd an t-soithich air an robh iad ag obair clàraichte mar a bu chòir.

Bha iad ag obair mar luchd-tèarainteachd airson soitheach a dhìon bho spùinneadairean, nuair a chaidh iad thar crìoch mhara nan Ìnnseachan.

Dh'iarr teaghlaichean an t-sianair air Theresa May an cuideachadh gus na fir fhaighinn a-mach às a' phrìosan, agus am Prìomhaire a' tadhal air na h-Ìnnseachan gus bruidhinn mu aonta mhalairt eadar an dùthaich agus Breatainn an dèidh do Bhreatainn an t-Aonadh Eòrpach fhàgail.

Chaidh binn còig bliadhna a chur air na fireannaich san Fhaoilleach am-bliadhna.

Tha iad air a dhol às àicheadh nan casaidean bhon fhìor-thoiseach.

Chaidh ath-thagradh a dhèanamh, ach cha d' fhuair iad cead saorsa fhaighinn san eadar-ama.

Tha leannan Billy Irving, Yvonne McHugh, ag ràdh gu bheil e a-nise a' fulang às dèidh mhìosan sa phrìosan.

Thuirt neach-labhairt dha Oìfis nan Dùthchannan Cèine gun tog a' Bh-Ph May an gnothach le Riaghaltas nan Ìnnseachan air an turas aice.