Plana 20 bliadhna ùr do Ghabhsann

Crann-gaoithe
Image caption Thig an £8m thairis air 20 bliadhna bho na trì chrainn-ghaoithe a th' aig an Urras ann am Baile an Truiseil.

Chuir Urras Oighreachd Ghabhsainn ann an Leòdhas plana ùr 20 bliadhna air adhart dhan sgìre.

Tha iad ag amas air na milleanan notaichean à cumhachd ath-nuadhachail a chur gu feum na coimhearsnachd.

Às dèidh dhaibh co-chomhairle a chumail leis a' choimhearnsachd tha an t-Urras ag amas air mu £8m, a gheibh iad ann an teachd-a-steach bho na trì chrainn-ghaoithe a th' aca ann am Baile an Truiseil, a chleachdadh gus taic a chumail ri seirbheisean do sheann daoine, turasachd agus gnothaichean fearainn is croitearachd, a bharrachd air oidhirpean coimhearsnachd eile.

Dh'fhoillsich iad gun tèid na grantaichean a gheibh daoine an-àirde gu suas ri £5,000.

Tha an t-Urras cuideachd a' coimhead ri sgeama a stèidheachadh fo am faodadh daoine suas ri £10,000 iarraidh.