Dùn Deòrsa a' dùnadh

Dùn Deòrsa Image copyright Thinkstock
Image caption Bidh còrr is 55,000 duine a' tadhail air Dùn Deòrsa, a tha na ghearastan don Fhreiceadan Dubh, gach bliadhna.

Chaidh a dhearbhadh ann an Taigh nan Cumantan feasgar Diluain gun tèid gearastan an airm aig Dùn Deòrsa, faisg air Inbhir Nis, a dhùnadh an ceann 16 bliadhna.

Dhearbh Rùnaire an Dìon, Sir Mìcheal Fallon, gun tèid an gearastan aig Cinn Lois ann am Moireibh a chumail fosgailte.

Chaidh Dùn Deòrsa, taobh a-muigh baile Àird nan Saor, a thogail san 18mh Linn, às dèidh Bliadhna Theàrlaich.

Tha e an-dràsta na dhachaigh don Fhreiceadan Dubh (Treas Albannach).

Luchd-tadhail

Bha Gearastan Chinn Lois roimhe na ionad Feachd an Adhair.

Tha Dùn Deòrsa ga ruith eadar Ministreachd an Dìon agus Àrainneachd Eachdraidheil Alba agus bidh còrr air 55,000 duine a' tadhal air iomadh phàirt den ghearastan a h-uile bliadhna.

Chan e seo a' chiad turas a chaidh coimhead ri Dùn Deòrsa a dhùnadh, agus am beachd air nochdadh ann an cuairt ghearraidhean air roinn an dìon ann an 2011.

Thuirt Ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd Mairead NicDhàibhidh, gun caill an eaconamaidh ionadail suas ri £20m gach bliadhna nuair a dhùineas an t-ionad.

"Tha an t-ionad aig Gearastan Deòrsa na phàirt chudromach de bheatha na Ghàidhealtachd. 'S e call mòr a bhios ann dhan sgìre".